Jump to content

Àrd Bhaile

O Uicipeid
Àrd Bhaile

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Eaglais Steafain[1]
Co-chomharran 54° 42′ 00″ Tuath
04° 57′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 123 (2011)
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Port Neasaig, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Àrd Bhaile (Beurla/Beurla Ghallta: Ardwell). Tha e suidhichte shìos aig ìre na mara[3] ann an ceann a deas nan Rannaibh, ri taobh Bàgh Luis, eadar An Druim Mòr agus Sandhead, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 319km air falbh bho Obar Dheathain, 129km bho Ghlaschu, 92km bho Dhùn Phrìs agus 172km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Àrd Bhaile. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Sandhead[5] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6] Tha gàrradh nan lusan ainmeil dìreach taobh a-muigh a' bhaile, air an t-slighe gu Port Neasaig.[7] Tha baile eile anns an t-Siorrachd Obar Dheathain leis an aon ainm.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à àrd agus baile anns a' Ghàidhlig, ged nach eil sin gu math soilleir idir.[8] Bha seann chuimris làidir ar an àirde an iar-dheas na h-Alba an dèidh nan Ròmanach cuideachd agus s' docha gur ann à sin a thàinig an t-anm.[9] Ghabhadh Àrd nan Gall ri atharraidhean fogharach eadar g agus w eadar Gàidhlig agus Cuimris. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn, mòran bhliadhna an dèidh Chuimris, agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[10]

Chaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1901 ann an stoidhle Gotach. B' e P. MacGriogair Chalmers an ailtire.[11] Ann an 1973 chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh ann an gàrradh nan lusan a tha eadar Àrd Bhaile agus Port Neasaig.[12]

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd na h-Eaglaise Steafain a bhuineas Àrd Bhaile, a ghabhas a-steach Eaglais Steafain agus Sandhead. Tha 1,060 duine a' fuireach san sgìre air fad.[13] Tha 12 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla na h-Eaglaise, ann an Sandhead. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[14]

Gnàth-shìde

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.7 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1065mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Àrd Bhaile. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Àrd Bhaile.[15] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 56mm eadar an Cèitean (dìreach 61mm) agus an Dàmhair (117mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.6 °C.

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Falling rain
  4. Distance from - to
  5. A' Chomhairle
  6. Stranraer Academy
  7. RBGE
  8. Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
  9. The Brittonic Language in the Old North
  10. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  11. Scotland's Churches
  12. Movie Locations
  13. A' Chomhairle
  14. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  15. Climate Data
  16. Còmhdhail na Comhairle