Jump to content

Cill Choluim

O Uicipeid
Cill Choluim

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Cill Choluim fhèin[1]
Co-chomharran 54° 58′ 00″ Tuath
05° 04′ 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01776
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail air iomall na Sròine Reamhaire, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cill Choluim (Beurla: Kirkcolm, Beurla Ghallta: Kirkcaum). Tha e suidhichte ìre na mara[3] eadar Loch Rìoghaine agus Loch Chonaill, ann an ceann a tuath nan Rannaibh, faisg air Ervie, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 305km air falbh bho Obar Dheathain, 112km bho Ghlaschu, 95km bho Dhùn Phrìs agus 161km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Cill Choluim. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus dreuchdan anns An t-Sròin Reamhair. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[5] ann ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Cill neo loch agus ainm an naoimh Caluim anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] A bharrachd air sin, tha am baile suidhichte ann an sgìre a tha mar chreathal na Crìosdaidheachd an Alba, ged nach eil ceangal ann le Calum Cille.

Chaidh an t-ainm a chlàradh airson a' chiad turas mar Kyrcum ann an 1484.[9]

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille Choluim fhèin a bhuineas Cill Choluim, a ghabhas a-steach Ervie, Barnhills agus an sgìre ann an ceann a tuath nan Rannaibh. Tha 750 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha 7 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach cola-deug ann Talla a' Bhaile ann an Cill Choluim. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[11]

Pàrtaidh Ainm Bhòtaichean
Gun phàrtaidh Willie Scobie 1,925
Tòraidheach Andrew Giusti 1,703
Nàiseantaich Ros Surtees 765
Làbaraich Tommy Sloan 312

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 408 An t-Sròn Reamhar – Lios Uillt – Cill Choluim.[12]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Falling Rain
  4. Distance from - to
  5. A' Chomhairle
  6. Stranraer Academy
  7. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. Places
  10. A' Chomhairle
  11. LGBC
  12. Còmhdhail na Comhairle