Barrachan
| Barrachan | |
![]() | |
| 54°48′50″N 4°33′3″W | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
| Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
| Parraist | Am Magh Crom fhèin[1] |
| Feartan fiosaigeach | |
| Àireamh-shluaigh | |
| Àireamh fòn | 01988 |
| Còd-puist | DG8[2] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Barrachan. Tha e suidhichte aig 82m os cionn ìre na mara,[3] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Am Magh Crom agus Whauphill. Tha e 301km air falbh bho Obar Dheathain, 118km bho Ghlaschu, 67km bho Dhùn Phrìs agus 153km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Barrachan. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol bhun-sgoil ann an Cill Chainneir[5] agus dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à bàrr anns a' Ghàidhlig fhèin a th' ann ainm a' bhaile.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Barrachan a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1612 mar Barqurochane.[9]
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille na Tràghad a bhuineas Barrachan, a ghabhas a-steach Am Magh Crom, Cill na Tràghad, An Eilreig agus Am Monadh Rèidh cuideachd. Tha 885 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha 18 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla MhicShuail ann an Cill na Tràghad. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[11]
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil seirbheis rèile neo bus ann idir.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Elevation Map
- ↑ Distance From To
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ Douglas Ewart High School[dead link]
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn
- Pages using infobox mapframe without shape links in Wikidata
- All articles with dead external links
- Articles with dead external links from October 2022
- Articles with invalid date parameter in template
- Alba
- Bailtean
- Bailtean na h-Alba
- Comhairle Dhùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
- Siorrachd Bhaile na h-Ùige
- Pages using the Kartographer extension


