Na Lochain

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Na Lochain
Lochans Primary School - geograph.org.uk - 412766.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Eaglais m'Èataine[1]
Co-chomharran 54° 86′ 69″ Tuath
04° 13′ 76″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01776
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air An t-Sròn Reamhar, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns Na Lochain (Beurla/Beurla Ghallta: Lochans). Tha e suidhichte 26m os cionn ìre na mara[3] ann an cridhe nan Rannaibh, ri taobh an Uillt Piltanton,[4] eadar Port Phàdraig agus Dùn Reicheit, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 312km air falbh bho Obar Dheathain, 121km bho Ghlaschu, 93km bho Dhùn Phrìs agus 167km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns Na Lochain. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à loch anns a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo, o chionn 's' gu bheil loch neo dhà ri gach taobh a' bhaile.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd nan Lochan fhèin a bhuineas Na Lochain, a ghabhas a-steach an sgìre mu timcheall a' bhaile. Tha dìreach 412 duine a' fuireach san sgìre air fad.[9] Tha seachdnar comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.[10]

Pàrtaidh Ainm Bhòtaichean
Gun phàrtaidh Willie Scobie 1,925
Tòraidheach Andrew Giusti 1,703
Nàiseantaich Ros Surtees 765
Làbaraich Tommy Sloan 312

Gnàth-shìde[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.5 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1095mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Na Lochain. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' anns na Lochain.[11] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 58mm eadar an Cèitean (dìreach 62mm) agus an Dàmhair (120mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.5 °C.

Sileadh agus teothachd anns na Lochain.jpg

Còmhdhail[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 411 An t-Sròn Reamhar - Cnoc – Port Phàdraig.[12]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Elevation Map
  4. Scottish Places
  5. Distance from - to
  6. Stranraer Academy
  7. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. A' Chomhairle
  10. LGBC
  11. Climate Data
  12. Còmhdhail na Comhairle