Clachan Ghlinn Lus

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Clachan Ghlinn Lus
Glenluce - looking down the Main Street - geograph.org.uk - 619409.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Comhairlean na h-Alba Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachdan na h-Alba Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Co-chomharran 54° 52′ 00″ Tuath
04° 49′ 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01581

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Reicheit, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Clachan Ghlinn Lus neo Baile na Cloiche (Beurla/Beurla Ghallta: Glenluce). Tha e suidhichte aig 23m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-Aibhne Luis, far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Salmhaigh, aig ceann a’ Bhàigh Luis, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar An t-Sròn Reamhar agus Cill Chomhghain. Tha e 304km air falbh bho Obar Dheathain, 115km bho Ghlaschu, 80km bho Dhùn Phrìs agus 157km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Clachan Ghlinn Lus. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[3] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[4]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à baile agus clach anns a' Ghàidhlig fhèin a bh' ann seann ainm a' bhaile. Bheireadh sin Baile na Cloiche dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.[5] A dh’ aindeoin sin, tha cuid dhen bheachd gur ann à lùb a th’ann an t-ainm ùr, a bheireadh Gleann an Lùib dhuinn, ged a tha gleann agus ainm na h-aibhne mòran nas coltaiche.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[7]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha tobhta Glenluce Abbey faisg air a' bhaile. Chaidh an abaid a thogail timcheall air 1190.

Còmhdhail[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 430 An t-Sròn Reamhar - Lios Ùr - Clachan Ghlinn Lus
  • 430 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Clachan Ghlinn Lus - An t-Sròn Reamhar.[8]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mongabay
  2. Distance From To
  3. A’ Chomhairle
  4. Stranraer Academy
  5. Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
  6. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  7. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  8. Còmhdhail na Comhairle

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NX 197 573