Am Monadh Rèidh
Am Monadh Rèidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Am Magh Crom[1] |
Co-chomharran | 54° 37′ 05″ Tuath 04° 49′ 71″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG8[2] |
‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air [Whithorn]], air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns A' Mhonadh Rèidh (Beurla/Beurla Ghallta: Monreith). Tha e suidhichte aig 25m os cionn ìre na mara,[3] ann an ceann a deas Leth-eilean na Machrach, eadar Cill na Tràghad agus Port Rosnait, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975. Tha e 308km air falbh bho Obar Dheathain, 127km bho Ghlaschu, 71km bho Dhùn Phrìs agus 160km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns A' Mhonadh Rèidh. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus iasgach. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann am Port Uilleim[4] dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[5]
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à monadh agus rèidh anns a' Gàidhlig a tha an t-ainm.[6] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[7] A dh’aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à ‘’Moine’’ agus ‘’riabhach’’ a tha an t-ainm.[8] Tha cruth na tìre a’ toirt cuideam dhan teòiridh seo cuideachd.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Am Monadh Rèidh a’ chlàradh airson a’ chiad turais anns na meadhan aoisean mar Murith agus Menrethe.[9]
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille na Tràghad a bhuineas Am Monadh Rèidh, a ghabhas a-steach Barrachan, Cill na Tràghad, An Eilreig agus Am Magh Crom cuideachd. Tha 885 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha 18 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla MhicShuail ann an Cill na Tràghad. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[11]
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
- 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.[12]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ Elevation Map
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Douglas Ewart High School”. Douglas Ewart High School. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ Mac an Tàilleir, Iain: “Gaelic Placenames”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023 (pdf).
- ↑ Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
- ↑ Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
- ↑ The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn