Port Rosnait

O Uicipeid
Port Rosnait
Port Rosnait.jpg
Mapa Phuirt Rosnait ann an DG.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Taigh Mhàrtainn[1]
Co-chomharran 54° 42′ 00″ Tuath
04° 22′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[2]
Duilleag oifigeil Isle of Whithorn

‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air Taigh Mhàrtainn, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Port Rosnait (Beurla/Beurla Ghallta: Isle of Whithorn). Tha e suidhichte shìos aig ìre na mara,[3] ann an ceann a deas Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975. Tha e 307km air falbh bho Obar Dheathain, 130km bho Ghlaschu, 64km bho Dhùn Phrìs agus 158km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Port Rosnait. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus iasgach. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Taigh Mhàrtainn[5] dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6] Tha an t-Eilean Mhanainn ri fhaicinn bho an seo nuair a bhios an aimsir math.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à port agus ros anns a' Gàidhlig a tha an t-ainm.[7]. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] Thathar dhen bheachd gur ann à hvit (geal) a tha an t-ainm sa Bheurla.[9] Bheireadh sin Eilean an Rois Gile dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1973 chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh ann an Uamh an Naoimh Ninian, a tha eadar na creagan air a' chosta eadar Port Rosnait agus Glasserton.[10]

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Phort Rosnait fhèin a bhuineas Port Rosnait, a ghabhas a-steach an sgìre ann an ceann a deas na Machrach. Tha dìreach 360 duine a' fuireach san sgìre air fad.[11] Tha 10 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla an Naoimh Ninian, ann am Port Rosnait. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[12]

Gnàth-shìde[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.6 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1030mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Port Rosnait. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Port Rosnait.[13] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 58mm eadar an Giblean (dìreach 58mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (116mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.6 °C.

Sileadh agus Teothachd ann am Port Rosnait.jpg

Còmhdhail[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
  • 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Taigh Mhàrtainn - An t-Sròn Reamhar.[14]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Falling Rain
  4. Luftlinie
  5. A' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  6. Douglas Ewart High SchoolTeamplaid:Fix/category[dead link]
  7. Pàrlamaid na h-Alba
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  10. Movie Locations
  11. A' Chomhairle
  12. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  13. Climate Data
  14. Còmhdhail na Comhairle