Dùn Reichit
Dùn Reichit | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Innis[1] |
Co-chomharran | 54° 52′ 00″ Tuath 04° 52′ 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01581 |
Còd-puist | DG9[2] |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air An t-Sròin Reamhair, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Dùn Reichit (Beurla/Beurla Ghallta: Dunragit, Breatanais: Din Rheged).[3] Tha e suidhichte aig 17m os cionn ìre na mara,[4] faisg air [Bhàigh Luis, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Clachan Ghlinn Lus agus Caisteal nan Ceanndach. Tha e 307km air falbh bho Obar Dheathain, 117km bho Ghlaschu, 84km bho Dhùn Phris agus 160km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Dùn Reichit. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[7]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]B' e rìoghachd uabhasach làidir a bh' ann Rheged fad iomadh linn an dèidh nan Ròmanach agus bha an cànan aca fhathast ann gu ruige an 12mh Linn agus tha an t-ainm ag iomradh ris an rìoghachd seo.[3]
Poileataigs
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Seann Lus a bhuineas Dùn Reichit, a ghabhas a-steach Achadh na Meilge, Barblae agus Clachan Ghlinn Lus cuideachd. Tha dìreach 1,315 duine a' fuireach san sgìre air fad.[8] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[9]
Còmhdhail
[deasaich | deasaich an tùs]Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.
- 430 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Clachan Ghlinn Lus - An t-Sròn Reamhar.[10]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Arcgis
- ↑ Post Code Maps
- ↑ 3.0 3.1 “Dùn Reichit/Dunragit”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ Falling Rain
- ↑ Distance From To
- ↑ A’ Chomhairle
- ↑ Stranraer Academy
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn