Jump to content

Baile Ùr Ghlinn Lus

O Uicipeid
Baile Ùr Ghlinn Lus

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Lus Ùr[1]
Co-chomharran 54° 55′ 60″ Tuath
04° 50′ 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01581
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air An t-Sròin Reamhair, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile Ùr Ghlinn Lus (Beurla/Beurla Ghallta: New Luce). Tha e suidhichte aig 75m os cionn ìre na mara,[3] aig comar nan Aibhnichean Uisge Luis agus Uisge Chrois Luis,[4] air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Clachan Ghlinn Lus agus Inbhir Gharbhain. Tha e 299km air falbh bho Obar Dheathain, 109km bho Ghlaschu, 81km bho Dhùn Phrìs agus 154km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Baile Ùr Ghlinn Lus. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan anns An t-Sròin Reamhair. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[7]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à lùib anns a' Ghàidhlig fhèin a th' ann ainm a' bhaile.[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[9] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre, le abhainn lùbach a' sruthadh tron àite, a' toirt cuideam dhan teòiridh seo.

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Lus Ùir a bhuineas Baile Ùr Ghlinn Lus, a ghabhas a-steach sgìre na mòintich gu tuath. Tha dìreach 235 duine a' fuireach san sgìre air fad.[10] Tha naoinear comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla Chuimhneachaidh ann am Baile Ùr Ghlinn Lus. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[11]

Gnàth-shìde

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.2 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1206mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Baile Ùr Ghlinn Lus. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir shuas air a' mhòinteach air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Baile Ùr Ghlinn Lus.[12] Cuirear an t-sneachd bho àm gu àm an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 66mm eadar an Cèitean (dìreach 66mm) agus an Dàmhair (132mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.5 °C.

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 410 An t-Sròn Reamhar - Baile Ùr Ghlinn Lus - Clachan Ghlinn Lus.[13]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Falling Rain
  4. Fishpal
  5. Distance From To
  6. A’ Chomhairle[dead link]
  7. Stranraer Academy
  8. The Placenames of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  9. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  10. A' Chomhairle
  11. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  12. Climate Data
  13. Còmhdhail na Comhairle

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]