Jump to content

Cille Chainneir

O Uicipeid
Cill Chainneir

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Cill Chainneir fhèin[1]
Co-chomharran 54° 83′ 02″ Tuath
04° 45′ 74″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[2]

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann an Cill Chainneir (Beurla/Beurla Ghallta: Kirkinner). Tha e suidhichte aig 27m os cionn ìre na mara,[3] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Baile Ùr nan Stiùbhartach agus Whithorn. Tha e 296km air falbh bho Obar Dheathain, 116km bho Ghlaschu, 60km bho Dhùn Phris agus 148km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann an Cill Chainneir. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann[5] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A-rèir Iain Mac an Tàilleir tha an t-ainm a' ciallachadh cille an naoimh Chainneir.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8]

Bha an Naomh Cainnear, a fhuair a cuid sgoil còmhla ris an Naomh Ursula thall ann am Patras sa Ghrèig, na aonaran an seo san 4mh Linn.[9] Chaidh an t-ainm a chlàradh airson a' chiad turais mar Kyrkkenot ann an 1415, ach 's e Inbhir Mheasain an t-seann ainm.[10] Bha an t-Urramach Andrew Symson na mhinistear sa bhaile nuair a bha a charaid David Dunbar a' fuireach ann. B' e Dunbar a sgrìobh dàn sa mhadainn fhèin a chaochail Janet Dunbar (Dalrymple) ann an Cille Chainneir ann an 1669 a thathar dhen bheachd a chaidh a leughadh aig a tìodhlachadh. Stèidhich Walter Scott an nobhail aige The Bride of Lammermoor air na thachair dhi. Chaochail i gu h-oiteil neònach air an oidhche fhèin a phòs i. Thàinig an rèile dhan bhaile ann an 1875, rud a thug piseach air eaconomaidh na sgìre. Chailleadh an rèile gu luchd-siubhail ann an 1950 agus gu bàthar ann an 1964.[11] Chaidh an eaglais a chithear an-diugh a thogail ann an 1828 ann an stoidhle sìmplidh.[12]

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhuirgh Rìoghail Bhaile na h-Ùige a bhuineas Cille Chainneir, a ghabhas a-steach Barrachan, Baile na h-Ùige, Blaidneach agus Whauphill. Tha 2,200 duine a' fuireach san sgìre air fad.[13] Tha 15 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla na Comhairle, ann am Baile na h-Ùige. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[14]

Gnàth-shìde

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.5 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1094mm) an coimeas ris an còrr dhen dhùthaich 's a tha Cill Chainneir. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann an Cill Chainneir.[15] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 61mm eadar an Giblean (dìreach 62mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (123mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.7 °C.

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
  • 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.[16]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Elevation Map
  4. Luftlinie
  5. Kirkinner Primary School”. Comhairle Dhùn Phris agus Ghall-Ghàidhealaibh. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  6. Douglas Ewart High School”. Douglas Ewart High School. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  7. Mac an Tàilleir, Iain: “Gaelic Placenames”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023 (pdf).
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. Real History
  10. Saint Places
  11. Gordon Biddle and O S Nock, The Railway Heritage of Britain, Michael Joseph Limited, Lunnainn, 1983, ISBN 07181 2355 7
  12. Scotland's Churches
  13. A' Chomhairle
  14. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  15. Climate Data
  16. Còmhdhail na Comhairle