Port Neasaig

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Port Neasaig
Port Logan.jpg
Mapa Phort Neasaige DG.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Scotland.svg Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Cill m'Èataine[1]
Co-chomharran 54° 42′ 00″ Tuath
04° 57′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[2]

‘S e baile beag dùthchasail agus port faisg air Tìr Amhlaigh, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Port Neasaig (Beurla: Port Logan, Beurla Ghallta: Port Nessock). Tha e suidhichte eadar ìre na mara fhèin shìos aig a' chidhe agus 79m os cionn ìre na mara shuas air a' bheinn,[3] ann an ceann a deas nan Rannaibh, eadar An Druim Mòr agus Àrd Bhaile, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 324km air falbh bho Obar Dheathain, 135km bho Ghlaschu, 95km bho Dhùn Phrìs agus 177km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Port Neasaig. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus iasgach. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil anns an Druim Mhòr[5] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[6] Tha gàrradh nan lusan ainmeil dìreach taobh a-muigh a' bhaile, air an t-slighe gu Àrd Bhaile.[7]

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Rintsnoc neo Nustak ann an seann Chuimris a tha an t-ainm, ged nach eil sin gu math soilleir idir.[8] Bha seann chuimris làidir ar an àirde an iar-dheas na h-Alba an dèidh nan Ròmanach.[9] A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à ainm naomh air choireigin à Èirinn a th' ann. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn, mòran bhliadhna an dèidh Chuimris, agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[10]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

An deidh Linn na Deighe bha caol ann eadar na Rannaibh fhèin agus trì eileanan beaga, dìreach far a bheil Bàgh Neasaige an latha an-diugh. Bha gnothach na ceilpe agus na saimbhire gu math làidir an seo gu deireadh an 18mh Linn agus bhathar a' cleachdadh seann chidhe fiodha air a shon gu ruige co-dhiù 1790.[11] Thogadh an cidhe seo o shean, ann an 1682.[12] Chaidh am baile beag a bh' ann o shean a leagail agus ath-thogail ann an 1818 leis a' chòirnealair Anndra MacDhùghaill, Mòrair Logain, a thug ainm ùr dhan bhaile sa Bheurla. B' e Thomas Telford fhèin a dhealbhaich an cidhe ùr, an cabhsair agus an tùr-cluig. Chaochail 22 saighdearan às Na Stàitean Aonaichte ann an tubaist Phlèana ann an 1944: b' e C47 a bha a' toirt saighdearan air an leòn air an t-slighe bho Fhilton gu Preastabhaig a bh' ann.[13] Thuit am plèana air na creagan ann an droch aimsir air sàilleabh cho ìosal a bha e a' dol oir bha am paileat a' feuchainn ri itealan eile a' leantainn. Ann an 1973 chaidh sealladh neo dhà às an fhilm Wickerman fhilmeadh ann an gàrradh nan lusan a tha eadar Port Neasaig agus Àrd Bhaile .[14] A bharrachd air sin, chaidh an sreath telebhisein Two Thousand Acres of Sky fhilmeadh an seo agus ann am Port Phàdraig eadar 2001 agus 2003.[15]

Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille m' Èataine a bhuineas Port Neasaig, a ghabhas a-steach An Druim Mòr, Damnaglaur agus sgìre mhòr ann an ceann a deas nan Rannaibh. Tha 810 duine a' fuireach san sgìre air fad.[16] Tha naoinear comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann am bun-sgoil an Droma Mhòir. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[17]

Gnàth-shìde[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.7 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1054mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Port Neasaig. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Port Neasaig.[18] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 54mm eadar an Cèitean (dìreach 61mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (115mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.5 °C.

Sileadh agus Teothachd ann am port Neasaig.jpg

Còmhdhail[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Falling rain
  4. Distance from - to
  5. A' Chomhairle
  6. Stranraer Academy
  7. RBGE
  8. Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
  9. The Brittonic Language in the Old North
  10. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  11. Statistical Account of Scotland , vol 5, duilleag 429; ath-fhoillseachadh an an 1983
  12. Undiscovered Scotland
  13. Aviation Safety Database
  14. Movie Locations
  15. Scotland the Movie
  16. A' Chomhairle
  17. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  18. Climate Data
  19. Còmhdhail na Comhairle