Jump to content

Poll an Iùbhair

O Uicipeid
Poll an Iùbhair

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Penninghame[1]
Co-chomharran 54° 55′ 60″ Tuath
04° 25′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01671
Còd-puist DG8[2]

‘S e baile beag dùthchasail agus air iomall Baile Ùr nan Stiùbhartach, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Poll an Iùbhair (Beurla/Beurla Ghallta: Palnure). Tha e suidhichte aig 16m os cionn ìre na mara,[3] ri taobh an Uillt Poll an Iùbhair,[4] far a shruthas e chun na h-Aibhne Crìch, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975. Tha e 284km air falbh bho Obar Dheathain, 103km bho Ghlaschu, 54km bho Dhùn Phrìs agus 136km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[5] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Poll an Iùbhair. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann am Muine Gobha[6] agus dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[7]

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à poll agus iùbhar san tuiseal ginideach anns a' Gàidhlig a tha an t-ainm.[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[9]

Bha gnothach nam mèinean gu math cudromach san sgìre o chionn fhada.[10] B' e niceal agus luaidh a bhathar a' mèinneadh. Thàinig mèinneadh gu crìoch mu dheireadh thall ann an 1882. Chaidh drochaid ùr a thogail an seo ann an 1978.[11]

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Gleann a' Chrìch a bhuineas Poll an Iùbhair, a ghabhas a-steach Baile Ùr nan Stiùbhartach, Muine Gobha, Gleann an t-Sruthail, Bàrr a' Ghrianain agus cuid mhòr dhen Phàirc-choille na Gall-Ghàidhealaibh cuideachd. Tha 4,730 duine a' fuireach san sgìre air fad.[12] Tha 21 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla MhicGilleMhaoil, ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[13]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Falling Rain
  4. Fly Fishing[dead link]
  5. Luftlinie
  6. A' Chomhairle
  7. Douglas Ewart High School[dead link]
  8. Studies in the Topography of Galloway, Sir Herbert Eustice Maxwell of Monreith, Constable, Dùn Èideann, 1887
  9. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  10. Aditnow
  11. CANMORE
  12. A' Chomhairle
  13. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.