Sir John Ross CB
| Sir John Ross CB | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Breith | An t-Sròn Reamhar, 24 dhen Ògmhios 1777 |
| Dùthaich |
Rìoghachd na Breatainne Mòire |
| Bàs | Lunnainn, 30 dhen Lùnastal 1856 |
| Àite-adhlacaidh | Cladh Kensal Green |
| Teaghlach | |
| Athair | Andrew Ross |
| Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
| Sinnsirean |
liosta
|
| Foghlam | |
| Cànain | Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd |
taisgealaiche, oifigear a' chabhlaich, peantair, oifigear, polar explorer (en) |
| Duaisean a fhuaras |
liosta
|
| Seirbheis san arm | |
| Meur an airm | An Cabhlach Rìoghail |
| Ìre |
rear admiral (en) captain (en) lieutenant (en) |
B' e oifigear a' chabhalaich, seòladair agus taisgealaiche Pòla a Tuath à Alba a bh' ann an Sir John Ross CB (Cill Choluim, 24 an t-Ògmhios 1777 - Lunnainn, 30 an Lùnastal 1856).[1] Thogadh e ann am baile beag air iomall na Sròine Reamhaire,ann an sgìre dhùthchail ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige (Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh an latha an-diugh) ann an teaghlach gu math bùirdeasach: bha athair na mhinistear agus bha a sheanair na phrobhaist. Ghabh e anns a' Chabhalach nuair a bha e dìreach 9 bliadhna a dh'aois agus bha e an sàs ann an trì cogaidhean: Cogadh an Dàrna Co-bhanntachd (1798-1802), Cogadh an Treas Co-bhanntachd (1803-1806), agus An Cogadh Angla-Ruiseanach (1807-1812).[2] A bharrachd air sin, rinn e trì triallan do Phòla a Tuath, ann an 1818, 1829 agus 1850. Chuir e seachad trì bliadhna eile air fo-fhastadh do Chabhlach na Suaine. Bha e na àrd-mharaiche-deiridh nuair a chaochail e ann an Lunnainn ann an 1856.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Fleming, Fergus (1998). Barrow's Boys. Lunnainn, Sasainn: Granta Books. ISBN 978-1-86207-173-5.
- ↑ O'Byrne, William R. (1849). "Ross, John" . A Naval Biographical Dictionary. Lunnainn: John Murray, duilleagan 1006–1007.
- ↑ Ross, M. (1994). Polar Pioneers: John Ross and James Clark Ross. Montreal: MQUP. ISBN 9780773565036.