Jump to content

Càrn Rìoghain

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Machair an Sgithich)
Càrn Rìoghain

Suidheachadh
Càrn Rìoghain is located in Alba
Càrn Rìoghain
Càrn Rìoghain (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Innis[1]
Co-chomharran 54° 58′ Tuath
05° 01′ Iar
Comharradh-clèithe NX063686
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 102 (2011)
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG9[2]

‘S e baile beag dùthchasail agus port gu math cudromach[3] faisg air An t-Sròn Reamhar, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Machair an Sgithich[4] neo Càrn Rìoghain[5] (Beurla/Beurla Ghallta: Cairnryan). Tha e suidhichte eadar ìre na mara fhèin shìos aig a' chidhe agus 34m os cionn ìre na mara shuas air a' bheinn,[6] ri taobh Loch Rìoghain, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975). Tha e 303 km air falbh bho Obar Dheathain, 110 km bho Ghlaschu, 91 km bho Dhùn Phrìs agus 159 km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[7] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns An t-Sròin Reamhair. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd, gu h-àraidh na bàtaichean. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan bun-sgoil[8] agus dhan àrd-sgoil anns An t-Sròin Reamhair.[9]

Chaidh baile a chlàradh faisg air Loch Rìoghain le Ptolemy, ris an canadh Rerigonium, a tha a' ciallachadh Àite an Righ. Thathar dhen bheachd gur e An t-Sròn Reamhar neo Càrn Rìoghain a bh' ann.[10]

Poileataigs

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chàrn Rìoghain fhèin a bhuineas Càrn Rìoghain, a ghabhas a-steach an sgìre mu timcheall a' bhaile. Tha dìreach 315 duine a' fuireach san sgìre.[11] Tha seachdnar comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla a' Bhaile. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[12]

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha trì seirbheisean bhus a' frithealadh a' bhaile:

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Port na Sròine Reamhaire
  4. Stòr-dàta Briathrachais”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017.
  5. Cairnryan/Càrn Rìoghain”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017.
  6. Falling rain
  7. Distance from - to
  8. A' Chomhairle
  9. Stranraer Academy
  10. Roman Britain
  11. A' Chomhairle
  12. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  13. Còmhdhail na Comhairle