Iain Mac a' Ghobhainn

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Iain Mac a' Ghobhainn (Crichton))
Iain Mac a' Ghobhainn
Beatha
Breith Glaschu, 1 dhen Fhaoilleach 1928
Dùthaich  Alba
Bàs 15 dhen Dàmhair 1998
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd
Duaisean a fhuaras
Gnè ealain bàrdachd
IMDb nm4247671

'S e tidsear agus sgrìobhadair a bha ann an Iain Mac a' Ghobhainn (1 am Faoilleach 192815 an Dàmhair 1998), a bha cuideachd a' cleachdadh an ainm Bheurla Iain Crichton Smith. Sgrìobh e bàrdachd, nobhailean, sgeulachdan goirid is dealbhan-cluich sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

Sgeul-beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann an Glaschu ann an 1928, ach bha a phàrantan à Leòdhas agus ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e fhathast òg, ann an 1930. Thogadh e ann am Pabail, an aon bhaile far an do thogadh Ruaraidh MacThòmais agus Anna Frater. B' e Gàidhlig am prìomh chànan aige. Bhàsaich athair leis a' chaitheamh. Chaidh e do Sgoil Phabail, Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh is rinn e ceum ann an Oilthigh Obar Dheathain ann am Beurla. Cheumnaich e ann an 1949. Rinn e seirbheis nàiseanta agus às dèidh na seirbheise, bha e ag obair mar thidsear ann am Bruaich Chluaidh agus, airson bhliadhnaichean, anns an Oban. Dh'fhàg e Àrd-Sgoil an Òbain ann an 1977, oir bha e ag iarraidh a bhith a' sgrìobhadh làn-thìde. Nuair a phòs e Donalda Gillies Logan, ghluais iad gu Taigh an Uillt. Ann an 1980, fhuair e OBE. Gu mì-fhortanach, thàinig aillse air agus chaochail Iain Mac a' Ghobhainn ann an 1998, nuair a bha e 70 bliadhna a dh'aois.

Cuspairean[deasaich | deasaich an tùs]

Bha ùidh aig Mac a' Ghobhainn ann am Fuadach nan Gàidheal: tha an nobhail Beurla aige, Consider the Lillies, an dealbh-chluich Gàidhlig, A' Chùirt, is an dàn Gàidhlig a' làimhseachadh a' chuspair seo.

Leabhar-chlàr[deasaich | deasaich an tùs]

Bàrdachd Ghàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Rosg Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Dealbhan-chluich sa Ghàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

  • A' Chùirt.

Bàrdachd sa Bheurla[deasaich | deasaich an tùs]

  • The Long River 1955
  • Deer on the High Hills 1962
  • The Law and the Grace 1965
  • Love Poems and Elegies 1972
  • The Exiles 1984
  • The Village and Other Poems. Manchester: Carcanet Press, 1989.

Nobhailean sa Bheurla[deasaich | deasaich an tùs]

Sgeulachdan Goirid sa Bheurla[deasaich | deasaich an tùs]

  • The Black and the Red. 1970.
  • The Hermit and Other Stories. 1977.
  • "Greater Love" ann an The Grafton Book of Scottish Short Stories. Deas. le James Campbell. London: Grafton Books, 1984. Pp. 227-235.

Bàrdachd Cruinnichte[deasaich | deasaich an tùs]

  • Selected Poems. 1970.
  • Selected Poems. 1955-1982, 1982.
  • Selected Poems. 1985.
  • Selected Poems. 1990.
  • Collected Poems. 1992.

Aistean[deasaich | deasaich an tùs]

  • The Golden Lyric: an Essay on the Poetry of Hugh MacDiarmid. 196;7
  • Towards the Human: Selected Essays. Edinburgh: MacDonald,1986.
  • ann an The Literature or Region and Nation. 1989. R. P. Draper (deas.) London: MacMillan; New York: St. Martin's Press.

Eadar-theangachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Mar neach-deasachaidh[deasaich | deasaich an tùs]

  • Moments in Glasshouses. 1987
  • còmhla ri C. King: Twelve More Modern Scottish Poets. 1986

Àistean sgoilearachd mu a dhèidhinn[deasaich | deasaich an tùs]

  • Frederic Lindsay (1977) "Disputed Angels. The Poetry of Iain Crichton Smith." Akros 12:3 December, 15-26.
  • John Blackburn. The Poetry of Iain Crichton Smith. Glasgow: Association for Scottish Literary Studies, 1993.
  • Colin Nicholson (deas.). Iain Crichton Smith: Critical Essays. 1992.
  • Carol Gow (deas.). Mirror and marble: the Poetry of Iain Crichton Smith. 1992.
  • Jon Sanders (2015) 'The Ecology of Iain Crichton Smith's 'High Hills'', Scottish Literary Review 7:1, 75-88.

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]