Dàin do Eimhir
'S e co-chruinneachadh bàrdachd Ghàidhlig le Somhairle MacGill-Eain a th' ann an Dàin do Eimhir agus Dàin Eile. 'S e aon de na leabhraichean Gàidhlig as cudromaiche ann an 20mh lìn a th'ann.
Foillseachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Anns an t-Samhain 1943, nochd Dàin do Eimhir agus Dàin Eile ann an clò, is bha dealbhan ùr-fhasanta anns an leabhar le William Crosbie. B' e sin a' chiad chruinneachadh dhen bhàrdachd aig Somhairle MacGill-Eain na h-aonar. Tha mòran dhen bhàrdachd seo a' làimhseachadh strì eadar gaol is poileataigs, gu h-àraidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne. Dh'fhàs iomadh dàn, mar "A Chiall 's a Ghràidh",[1] "Coin is Madaidhean-allaidh",[2] neo Dàn XXII ("An Roghainn")[3] ainmeil 'na chòir fhèin. Anns an eagran ùr sgoilearach a rinn Crìsdean Whyte, tha 59 dàin ann an Dàin do Eimhir, còmhla ri "Dimitto".
Eadar-theangachadh gu Beurla is Beurla Ghallda
[deasaich | deasaich an tùs]Dh'eadar-theangaich MacGill-Eain fhèin Dàin do Eimhir gu Beurla. Ann an 1999, dh'fhoillsich Acair eadar-theangachadh eile gu Beurla, le Iain Mac a' Ghobhainn, is ro-ràdh le Dòmhnall Eachann Meek. Ann an 2011, dh'fhoillsich Acair eadar-theanagachadh ùr gu Beurla Ghallda, le J Derrick McClure.
Na h-eagrain
[deasaich | deasaich an tùs]- Dàin do Eimhir agus Dàin Eile. Glaschu: Maclellan, 1943.
- Eimhir. Translated by Iain Crichton Smith, with an introduction by Professor Donald Meek. Steòrnabhagh: Acair Earranta, 1999.
- Dàin do Eimhir / Poems to Eimhir. Edited by Christopher Whyte. Glaschu: Association for Scottish Literary Studies, 2002.
- Dàin do Eimhir / Poems to Eimhir. Edited by Christopher Whyte. Dùn Èideann: Polygon, 2007.
- Sangs tae Eimhir. Owerset intae the Lawlan Scots Tung. J Derrick McClure. Steòrnabhagh: Acair Earranta, 2011.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ MacGill-Eain, Somhairle: “A Chiall 's a Ghràidh”. Somhairle MacGill-Eain air loidhne. Air a thogail 25mh dhen t-Samhain 2023.
- ↑ MacGill-Eain, Somhairle: “Coin is Madaidhean-allaidh”. Somhairle MacGill-Eain air loidhne. Air a thogail 25mh dhen t-Samhain 2023.
- ↑ MacGill-Eain, Somhairle: “Dàn XXII ("An Roghainn")”. Somhairle MacGill-Eain air loidhne. Air a thogail 25mh dhen t-Samhain 2023.