Cogadh Sìobhalta na Spàinne

O Uicipeid
Cogadh Sìobhalta na Spàinne
Ceann-latha 17 an t-Iuchar 19361 an Giblean 1939
Àite An Spàinn
Casus belli Trioblaidean Creideimh agus Poileataigeach
Buil Bhuannaich na Nàiseantaich
Atharrachadh chrìochan An Spàinn
Atharrachaidean Chaidh deachdaireachd a stèidheachadh an àite deamocrasaidh
Luchd-cogaidh
Riaghaltas na Spàinne

Arm Eadar-nàiseanta Arm Basgach

Arm na Spàinne

Reiseamaid Chòndor Feachdan na h-Eadailt

Cinn-fheachda
Manuel Azaña Díaz
Lluís Companys i Jover
Francisco Franco
Neart
450,000 duine

350 plèanaichean

600,000 duine

600 plèanaichean

500,000 air am marbhadh

B’ e cogadh uabhasach mòr, a mhair bho 17 an t-Iuchar 1936 gu ruige 1 an Giblean 1939, a th’ann Cogadh Sìobhalta na Spàinne,[1] far a shabaid na daoine a bha dìleas do Riaghaltas Dàrna Poblachd na Spàinne an aghaidh an fheadhainn a dh’èirich na h-aghaidh fo stiùireadh an Seanailear Francisco Franco. Bhuannaich na reubalaich agus lean Franco san Riaghaltas gus a chaochail e an ceann 36 bliadhna.[2] Thoisich an cogadh an dèidh Gairm nan Seanailearan (Spàinntis: pronunciamiento), is an fheadhainn sin fo stiùireadh an Seanailear José Sanjurjo an aghaidh Riaghaltas laghail dàrna Poblachd na Spàinne. Bha an Riaghaltas sin air a thaghadh gu deamocratach agus bha Manuel Azaña na Cheann-suidhe air. Fhuair an t-ar-a-mach taic bho mòran bhuidhne traidiseanta, CEDA (Comann Neo-eisimeilach Luchd an làimhe Deise na Spàinne), rìoghairean agus Faisistich nam measg.[3]

Thug feachan an Airm ann am Maroco,[4] Iruña, Burgos, Valladolid, Cádiz, Cordoba, agus Sevilla taic dhan ar-a-mach. Ach cha do ghabh na gearrastanan anns na bailtean mòra mar Mhadrid, Barcelona, València, Bilbao neo Málaga ann. Le sin, bha An Spàinn air a sgaradh gu poiliteagach agus aig ìre armailteach. Thoisich na Reubaltaich, leis an Seanailear Franco os an cionn, ri cogadh caithreimh a thoirt air an Riaghaltas laghail airson an dùthaich a ghabhail os làimhe. Gheibheadh A' Phortagail,[5] Rìoghachd na h-Eadailt agus na Nàsaich san Ghearmailt cobhair do na Reubaltaich, fhad ‘s a chuideachach Meagsago agus an Aonadh Sobhiat an fheadhainn a bha ri taobh na Poblachd. Gabhadh dùthchannan eile, mar An Rìoghachd Aonaichte agus An Fhraing, ri poileasaidhean oifigeil dhe neo-eadraiginn. Bha làmh an uachdair aig na Comannaich taobh a-staigh na Poblachd aig deireadh an latha, air sgàth gu tug Stailinn taic dhi.

Chaidh buirbe is uamhas a dheànamh leis a h-uile buidheann a bha an sàs sa chogadh.[6] Rinneadh murt is sgrios fuilteach gu siostamataigeach air na daoine anns na sgìrean a bha fo bhuaidh nam feachdan aig Franco gus an rèisim ùr a bhonntachadh. Thachair murt na bu lugha san talamh fo smachd na Poblachd, ann am bitheantas an cois bristeadh sìos an lagha anns a’ chiad dol a-mach an dèidh an Rèabhlaid fhèin. Dh’atharrachadh cho deònach ‘s a bha ùghdarrasan na Poblachd a bhith a ghabhail ris a’ mhurt sin bho àite gu àite.[7] ‘S e bha cogadh bruideil fuilteach dìoghrasach a bh’ann co-dhiù. Chaidh na mìltean dhe daoine àbhaisteach a mharbadh air sgàth na creideamhan neo na beachdan poiliteagach aca, fiù’s an dèidh crìoch a’ chogaidh ann an 1939, ri linn tòrachd nan Nàiseantaich air na Poblachdaich, is iad dìreach air an cogadh a chall.

Thàinig an cogadh gu crìoch nuair a bhuannaich na Nàiseantaich is b’ fheudar do na mìltean dhe daoine na làimhe clì a dh’fhalbh thall thairis nam fògarraich.[8] Theich mòran dhuibh gu ruige nan campaichean san cheann a deas na Frainge.[9] Stèidhich an Seanailear Franco Deachdaireachd an dèidh a’ chogaidh, is dh’aontachadh gach uile partaidh poileatagach na làimhe deise am broinn structar na Stàite ùire.

B' e Tomás Patten (Dumha Éige 1910 - Boadilla del Monte 1936) a bh' ann a' chiad Ghàidheal a chaill a bheatha sa chogadh siud.

Sgrìobhaidhean mu a dhèidhinn sa Ghàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Filmichean[deasaich | deasaich an tùs]

Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Eile[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. World History
  2. Red Escolar
  3. Espagne Facile
  4. Bolinaga, Iñigo: Breve Historia de la Guerra Civil española, Nowtilus, 2009, ISBN-13:978-84-9763-660-5
  5. Historias Siglo 20
  6. Bolinaga, Iñigo: Breve Historia de la Guerra Civil española, Nowtilus, 2009, ISBN-13:978-84-9763-660-5
  7. Beevor, Antony (1982, 2006). The Battle for Spain: The Spanish Civil War 1936–1939. London: Weidenfield and Nicolson. ISBN 0-297-84832-1
  8. Beevor, Antony (1982, 2006). The Battle for Spain: The Spanish Civil War 1936–1939. London: Weidenfield and Nicolson. ISBN 0-297-84832-1
  9. Archives Ouvertes