València

O Uicipeid
València
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn València
Sgìre Co-chomann València
Co-chomharran 39° 29' Tuath
00° 22' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 134.65 km²
Àireamh-shluaigh 809,267 (2010)
Dlùths 6,010.15/km²
Àireamh fòn + 34 963
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile mòr agus port[1] cudromach air oirthir an ear na Spàinne a th’ ann València (IPA Catalanais: va'lensia, IPA Spàinntis: ba'lenθja). Chaidh e a stèidheachadh mu 137 Ro Chrìosd le Saighdearan Ròmanach. Sgrìobh Livius gur ann às an fhacal Laideann Valentia, a tha a’ ciallachadh fearalas, a bha an t-ainm.[2] Tha València suidhichte air a’ Mhuir Meadheanach, aig 10m os cionn ìre na mara,[3] ri taobh na h-aibhne Turia.[4] Tha València 307km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 291km bho Bharcelona.[5] Tha 809,267 daoine a’ fuireach ann an València,[6] am baile as motha anns a' Cho-chomann València agus an treas baile na Spàinne.[7] Chaidh an Llotja, neo Maragaidh Shìoda, ainmeachadh na Àite Dualchas na Cruinne le UNESCO.[8] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne València a th’ann València cuideachd.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cuid a luchd-rannsachaidh dhen bheachd gur ann à Valentia Edetanorum, (IPA: waˈlentia, Gàidhlig: Gaisge) ann an Laideann a th' ann an t-ainm air sàilleabh gun tug an sgìre gu seann shaighdearan arm nan Ròmanach anns an dàrna linn.[9] Chleachadh an t-ainm بلنسية‎ (Balansiyya) airson na sgìre[10] air fad agus مدينة التراب (Medina at-Turab) airson a’ bhaile ann an Arabais ro 1245 – ‘s e an abhainn Turia a shruthas tron bhaile fhèin. Chaidh fuaimneachadh an ainm atharrachadh fad na linn gu nàdarra gu baˈlenθja ann an Spàinntis – ged a thathar ga fhuaimnechadh ann an dòigh gu math dlùth air Laideann ann an Catalanais: w → b agus t → s.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[11]

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an València.[12] Cha thuit ach 475mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 698mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[13] - leis gur e àite gu math tioram a th' ann.

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Puerto de Valencia
  2. Oilthigh Huntsville
  3. Mongabay
  4. Valencia VIP
  5. Distance Calculator
  6. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  7. Bailtean na Cruinne
  8. UNESCO
  9. Astin. E., The Cambridge Ancient History, Cambridge University Press, 1989, ISBN 978-0-521-23448-1.
  10. Las Provincias
  11. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  12. Aemet
  13. Oifis na Sìde

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]