Tomás Patten

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Tomás Patten
Monument à Thomas Patten, Achill.jpg
Beatha
Breith Dumha Éige, 1910
Bàs Boadilla del Monte, 16 dhen Dùbhlachd 1936
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs

B' e saighdear saor-thoileach agus Gàidheal à Èirinn, a shabaid ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinne, a bh' ann an Tomás Patten (Dumha Éige, Oileán Acla 1910Boadilla del Monte, 16 an Dùbhlachd 1936.[1]

Bhuineadh Patten do theaghlach uabhasach fhèin mòr agus bha 13 bràthair agus peathraichean aige. Mar a b' àbhaist san sgìre bhochd air a' Ghàidhealtachd a bha siud, b' fheudar do Phatten an dùthaich aige fhèin fhàgail agus chaidh a thall a Shasainn is e na dheugair fhathast. Chuir e seachad bliadhnaichean na fhear-obrach ann an Lunnainn is Poll a' Ghrùthain. Ghabh e pàirt ann am Mòr-dhàil Poblachdach, buidheann Shòisealach Phoblachdach a bh' ann. Dh'fhàg Patten Sasainn san Dàmhair 1936, dìreach an dèidh toiseach a' chogaidh is chaidh e dhan Spàinn na aonar. Fhuar e ballrachd nam Bragaid Eadar-nàiseanta (Spàinntis: Brigadas Internacionales) an siud. Ann am Madrid, bha e anns a' Mhailisidh is e a' cuideachadh ris a' bhaile a dhìon is feachdan nam faisisteach a' toirt ionnsaigh air. Bhathar air a' bhaile a cuairteachadh le taic bho Hitler. Aig a' cheann thall chaidh Patten a mharbhadh aig Boadilla del Monte san oidhche eadar 16/17 an Dùbhlachd 1936. B' e Patten a' chiad Ghàidheal is a' chiad Èirinneach a chaill a bheatha sa chogadh sin.[2]

Choisrig Peadar O'Donnell an leabhar aige, Salud!, gu "a young Achill boy". Nochd Patten ann an òran a sgrìobh Christy Moore Viva la Quinta Brigada cuideachd. Thogadh carragh-chuimhne dha ann an Dumha Éige fhèin ann an 1984, bliadhnaichean an dèidh a bhàis.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ireland's CW
  2. The Irish and the Spanish Civil War, 1936-39: Crusades in Conflict, 1999, R. A. Stradling, Manchester University Press