Córdoba, An Spàinn

O Uicipeid
Córdoba
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Córdoba
Sgìre Andalusia
Co-chomharran 37° 53' 05 Tuath
04° 46' 44 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 125 km²
Àireamh-shluaigh 328,547 (2010)
Dlùths 2,628.38/km²
Àireamh fòn + 00 957
Duilleag oifigeil http://www.cordoba.es/

‘S e baile mòr ann an ceann a deas na Spàinne a th’ ann Córdoba (IPA: korðoβa). Thathar dhen bheachd gur e ainm Phoenicianach a th’ann, bho Qorteba (muileann gaoithe)[1] neo Qart Tuba (deagh bhaile).[2] Tha e suidhichte aig 120m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Guadalquivir,[3], 237km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na dùthcha agus 121km bho Shevilla.[4] Tha 328,547 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile,[5] an treas baile as motha na h-Andalusia agus an 11mh baile na Spàinne.[6]

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à Qorteba (Gàidhlig: muileann) no Qart-tuba (Gàidhlig: Baile Math) ann am Foinìsis a th’ ann an t-aimn.[7]A bharrachd air sin, tha an t-iar-leasachan Tartesianais -oba no –uba gu ìre mhath cumanta ann an ceann a deas na Spàinne.[8] Sgrìobhadh قرطبة ann an Arabais, a thug Córdoba dhuinn an lath an-diugh.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[9] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936,[10] ged a bha an corr dhen roinne dealas dhan Phoblachd.

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar is an Lùnastal mìosan as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Córdoba.[11] Tuitidh 605mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 568mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[12] - leis gur e àite uabhasach tioram a th' ann.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. González Llana, Manuel: Crónica de la Provincia de Córdoba, Rubio y Compañia, 1867
  2. Ramirez y de las Casas-Deza, Luis María: Indicador Cordobés o sea Manual Historico-Topográfico de la ciudad de Córdoba: Diario de Córdoba, 1867
  3. Córdoba Patrimonio de la HumanidadTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Distance Calculator
  5. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  6. Bailtean na Cruinne
  7. Ramírez y de las Casa-Deza, Luis María, 1867, Indicador cordobés, ó sea Manual histórico-topográfico de la ciudad de Córdoba, Imprenta, librería y litografía del Diario de Córdoba
  8. Schulten, Adolf. Tartessos. Contribución a la historia más antigua de Occidente. Editorial Almuzara. ISBN 84-88586-66-3
  9. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  10. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  11. Aemet
  12. Oifis na Sìde

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]