Córdoba (provincia)
Córdoba
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Córdoba | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 13,771 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 805,857 (2014) | ||||
Dlùths | 58.52/km² | ||||
Àireamh fòn | + (957) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |
'S e provincia na Spàinne a tha ann an Córdoba (IPA: korðoβa). Tha e na laighe ann an Andalusia, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Córdoba a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Córdoba fad 13,771km²[3] agus tha 805,857 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 13mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 19mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Badajoz, Ciudad Real, Jaén, Granada, Málaga agus Sevilla.[5] 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
Freumhan an ainm
[deasaich | deasaich an tùs]‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil Freumh-fhaclachd na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à Qorteba (Gàidhlig: muileann) no Qart-tuba (Gàidhlig: Baile Math) ann am Foinìsis a th’ ann an t-aimn.[6] A bharrachd air sin, tha an t-iar-leasachan Tartesianais -oba no –uba gu ìre mhath cumanta ann an ceann a deas na Spàinne.[7] Sgrìobhadh قرطبة ann an Arabais, a thug Córdoba dhuinn an latha an-diugh.Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha iadhtag ann, a bhuineas do Chórdoba, thall air an àirde an iar-dheas na roinne, ann an Sevilla. 'S e Villar an t-ainm a tha air.[8] 'S e adhbharan laghail agus poileataigeach a tha as coireach gu bheil e na aite fa leth air. Chan eil ach 546 duine a' fuireach ann.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Seneca Òg (4 RC/65 AD) - Feallsanaiche.
- Maimonides (1135/1138 - 1204) - Feallsanaiche.
- Gonzalo Jiménez de Quesada (1496/1506/1509 - 1576) -Ceannsaiche.
- Luis de Góngora (1561 - 1627) - sgrìobhadair.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
- ↑ Constitución Española de 1978
- ↑ Infoalso
- ↑ Classora
- ↑ Instituto Geográfico Nacional
- ↑ Ramírez y de las Casa-Deza, Luis María, 1867, Indicador cordobés, ó sea Manual histórico-topográfico de la ciudad de Córdoba, Imprenta, librería y litografía del Diario de Córdoba
- ↑ Schulten, Adolf. Tartessos. Contribución a la historia más antigua de Occidente. Editorial Almuzara. ISBN 84-88586-66-3
- ↑ Todo Pueblos