Corùna

O Uicipeid
Corùna
A Coruña
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn A Coruña
Sgìre A' Ghàilis
Co-chomharran 43° 22' 17 Tuath
08° 24' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 36.83 km²
Àireamh-shluaigh 246,056 (2010)
Dlùths 6,680.86/km²
Àireamh fòn + 34 981
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile mòr agus port air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Corùna (Gàilisis: A Coruña, Spàinntis: La Coruña, Fraingis: La Corogne). Chaidh e a stèidheachadh ann an 1208 agus thathar dhen bheachd gu bheil e a' ciallachadh Baile na Cruinne.[1] Tha Corùna suidhichte air Doirling,[2] ri beulaibh a’ bhàigh Biscay,[3] dìreach aig ìre na mara.[4] Tha e 507km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 56km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile Ghalicia.[5] Tha 246,056 daoine a’ fuireach ann an Corùna,[6] an dàrna baile as motha ann an Galicia agus an 16mh baile na Spàinne.[7] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na na Coruña a th' ann Corùna cuideachd. Fhuair am bàrd Gàidhealach Dòmhnall Ruadh Chorùna ainm bhon a’ bhaile sin.

Freumhan an ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e coltach gur ann à Coloniam ann an Laideann a tha an t-ainm - tha lucas a' ciallachadh colonaidh no acrunia a tha a' ciallachdh leth-eilean.[8] Tha tèoiridh eile ann a chanas gur e ainm ceilteach a th' ann, bho Cronos (Gàidhlig: Cruinne) no car (Gàidhlig: Clach) A dh'aindeoin sin, tha cuid ag ràdh gur ann à Cluniam ann an Ceiltis-ibearais a tha e.[9]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[10] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[11]

Cruinn-eòlas[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Corùna.[12] Tuitidh 1014mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - dìreach 159mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm)[13] - leis gur e àite uabhasach fliuch a th' ann, an taca ri àiteachan eile san Spàinn.

Bailtean Co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. ↑ Barnwell, David, Ó Domhnalláin, Pádraig, Alonso, Carmen Rodriquez (2009). "Foclóir Gaeilge-Spáinnise": lch. xli. Coiscéim
  2. Tu Aventura
  3. Caduceus
  4. Coruña MongabayTeamplaid:Fix/category[dead link]
  5. Distance Calculator
  6. Cunntas-sluaigh na Spàinne
  7. Bailtean na Cruinne
  8. A Xunta
  9. Perseus
  10. Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain
  11. Hurtado V., La Sublevación, 2010, Barcelona: DAU. ISBN 978-84-936625-6-1
  12. Aemet
  13. Oifis na Sìde

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]