Ruaraidh MacThòmais
Ruaraidh MacThòmais | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Steòrnabhagh, 5 dhen Lùnastal 1921 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Glaschu, 21 dhen Mhàrt 2012 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Obar Dheathain Colaiste Emmanuel Sgoil MhicNeacail |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | eachdraiche, eadar-theangair, sgrìobhadair, bàrd, literary historian (en) agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean | Oilthigh Ghlaschu |
Duaisean a fhuaras | |
Ballrachd |
An Acadamh Bhreatannach Comann Rìoghail Dhùn Èideann |
Gluasad | Ath-bheòthachadh na h-Alba |
Gnè ealain | bàrdachd |
Bha Ruaraidh MacThòmais (Beurla: Derick S. Thomson), MA, BA, DLitt, FRSE, FBA (5 an Lùnasdal 1921 – 21 am Màrt 2012) na sgoilear, dheasaiche agus bhàrd.[1] Bha e an sàs ann an iomadh iomairt co-cheangailte ri ath-bheòthachadh na Gàidhlig. Bha e a' toirt taic do neo-eisimeileachd na h-Alba fad a bheatha.
A bheatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh Ruaraidh MacThòmais 5 an Lùnasdal 1921 ann an Steòrnabhagh ann an Leòdhas. Bha athair Ruaraidh, Seumas MacThòmais (1888-1971), na bhàrd ainmeil cuideachd. B' ann à Tunga, Leòdhas, a bha athair, agus b' ann à Ceòs, air na Lochan, a bha a mhàthair, Tìneag Aonghais Alasdair (Christina "Tina" Mac a' Ghobhainn). Fhuair Seumas obair mar mhaighstir-sgoile ann am Pabail a' Rubha nuair a bha Ruaraidh aon bhliadhna a dh'aois, agus dh'imrich an teaghlach a Phabail Uarach. Thogadh Ruaraidh ann am Pabail, anns an dearbh àite far an do thogadh dà sgrìobhadair Gàidhlig ainmeil eile: Iain Mac a' Ghobhainn agus Anne Frater.
Thòisich Ruaraidh a chuid foghlam fhaighinn ann an Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, an uair sin chaidh e do dh'Oilthigh Obar Dheathain, far an do rinn e ceum ann an Ceiltis. Chuir e ùine seachad ann am Feachd Rìoghail an Adhair eadar 1941 agus 1945. As dèidh a' chogaidh, chuir e crìoch air an ceum agus chaidh e do dh'Oilthigh Chambridge agus do dh'Oilthigh Bhangor. Ann an 1952, phòs e Carol Nic a' Bhreatannaich, agus bha sianar chloinne aca. Bha e a' teagasg aig Oilthigh Dhùn Èideann, aig Oilthigh Obar Dheathain agus aig Oilthigh Ghlaschu, far an robh e na àrd-ollamh ann an Ceiltis bho 1963 a-mach gus an do leig e a dreuchd air ann an 1991. Bha e air a' chuid as motha de bheatha a chuir seachad ann an Glaschu. Chaochail Ruaraidh MacThòmais ann an 2012 an Glaschu, nuair a bha e 90 bliadhna a dh'aois.[2]
Cùrsa-dreuchd aig oilthighean
[deasaich | deasaich an tùs]- 1948-1949: neach-cuideachaidh don t-àrd-ollamh Maoilios Dillon is neach-cruinneachaidh beul-aithris aig Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann[3]
- 1949-1956: òraidiche Chuimris, Oilthigh Ghlaschu[4]
- 1956-1963: òraidiche Cheiltis, Oilthigh Obar Dheathain
- 1963-1991: àrd-ollamh Cheiltis, Oilthigh Ghlaschu
Iomairtean na Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Gairm
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e cliùiteach ais sgàth 's gun do chuir e Gairm air bhonn còmhla ri Fionnlagh J MacDhòmhnaill. Bha an iris a' ruith fad 50 bliadhna agus bha i gu tùr ann an Gàidhlig agus mar sin a' brosnachadh sgrìobhadairean Gàidhlig.
Comhairle nan Leabhraichean
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 1968, stèidhich e Comhairle nan Leabhraichean.
Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh am pròiseact seo a stèidheachadh aig Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu ann an 1966, nuair a bha Ruaraidh MacThòmais na àrd-ollamh.[5]
Eile
[deasaich | deasaich an tùs]Bha e air an fho-chomataidh dhen Scottish Certificate of Education Examination Board a chur ri chèile a' chiad aithisg air Gnàthachas litreachaidh na Gàidhlig (GOC) ann an 1981.[6] Bha MacThòmais na chathraiche de Chomhairle nan Leabhraichean eadar 1968 is 1991 agus na cheann-suidhe den Scottish Gaelic Texts Society cuideachd.
Bàrdachd
[deasaich | deasaich an tùs]Seo cuid de na dàin as ainmeile a rinn Ruaraidh MacThòmais:
Leabhar-chlàr
[deasaich | deasaich an tùs]Bàrdachd
[deasaich | deasaich an tùs]- An Dealbh Briste / The Broken Picture (1951).
- Eadar Samhradh is Foghar / Between Summer and Autumn (1967).
- An Rathad Cian / The Far Road (1970)
- Saorsa agus an Iolaire / Freedom and the Eagle (1977)
- Creachadh na Clàrsaich: Collected Poems (cruinneachadh de bhàrdachd) 1940-80 (1982) Dùn Eideann: Macdonald.Smeur an Dòchais / The Bramble of Hope (1991)
- Meall Garbh / Rugged Mountain (1995)
- Sùil air Fàire / Surveying the Horizon (2007). Steòrnabhagh: Acair.[7]
Mar deasaiche
[deasaich | deasaich an tùs]- Bàrdachd na Roinn Eòrpa an Gàidhlig (1990)
- Gaelic Poetry in the Eighteenth Century: A Bilingual Anthology (1993)
- Alasdair MacMhaighstir Alasdair: Selected Poems (1996)
Sgeulachd goirid
[deasaich | deasaich an tùs]- 'Bean a' Mhinisteir', Gairm 22 (1957): cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacÌomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.139-144.
- 'Mar Chuimhneachan', Gairm 31 (1960): cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacÌomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.70-74.
- 'Tea Feasgair', Gairm 35 (1961): cuideachd ann an (1985) Eadar Peann is Pàipear Dòmhnall Iain MacÌomhair (deas.) Glaschu: Gairm, d.104-107.
Obair acadaimigeach
[deasaich | deasaich an tùs]- The Gaelic sources of Macpherson's "Ossian" (Aberdeen University studies series;no.130) (1952)
- Branwen Uerch Lyr: The Second of the Four Branches of the Mabinogi (Mediaeval & Modern Welsh) (1961)
- Gaelic Learner's Handbook (1973)
- An Introduction to Gaelic Poetry (1990)
- Gàidhlig ann an Albainn/ Gaelic in Scotland: Bilingual Examination of the Place of Gaelic in Scottish Life (1976) - ISBN 978-0-901771-54-4
- New English-Gaelic Dictionary (Am Faclair Ur Beurla-Gàidhlig) (1981) - ISBN 978-0-901771-65-0
- Why Gaelic Matters (1984) - ISBN 978-0-85411-028-5
- The Companion to Gaelic Scotland (1987) - ISBN 978-0-631-15578-2
- Languages of Scotland: International Conference Proceedings: Gaelic and Scots in Harmony 2nd, 1988 (1990) - ISBN 978-0-903204-19-4
Mar cho-sgrìobhadair
[deasaich | deasaich an tùs]- Edward Lhuyd in the Scottish Highlands (1963) 1699-1700 - ISBN 978-0-19-811929-6
- Future of the Highlands (1968) - ISBN 978-0-7100-6052-5
- Combined Gaelic-English, English-Gaelic Dictionary (1982) - ISBN 978-1-871901-11-5
- Minority Languages Today (1990) - ISBN 978-0-85224-642-9
- MacDiarmid MS Anthology (1992) - ISBN 978-0-7073-0612-4
- Scotland O Gael an Lawlander (1996) - ISBN 978-1-871901-40-5
Obair mar dheasaiche and neach-naidheachd
[deasaich | deasaich an tùs]Eadar-theangachaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- Bith-Eòlas (Biology Textbook)(1976)
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ airson nan teisteanasan faic: Thomson, D. S. The New English-Gaelic Dictionary, Glaschu: Gairm 1996, title page
- ↑ “Obituary: Professor Derick Thomson; writer and scholar who was the most important voice in Gaelic poetry in the 20th century - News”, An t-Albannach. 3s dhen Ghiblean 2012. Air a thogail 7mh dhen Iuchar 2012.
- ↑ Meek, Dòmhnall (5mh dhen Ghiblean 2013): “Appreciation of Professor Derick S. Thomson: funeral oration, as delivered.”. Passages from Tiree. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “20mh linn – Eachdraidh na Roinne”. Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ "Glasgow University to Compile Gaelic Dictionary". The Glasgow Herald, Diardaoin 29 an t-Sultain, 1996.
- ↑ Gaelic orthographic conventions: Certificate of Sixth Year Studies in 1985 and after 1988. Dalkeith: Scottish Examination Board, 1981.
- ↑ “Sùil air Fàire”. Acair. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2023.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Làrach-lìn: Ruaraidh MacThòmais air-loidhne
- BBC Bio - Làrach nam Bàrd
- Bhideo: Sàr bhàrd Gàidhlig air bàsachadh
- Tobar an Dualchais: An t-Oll. Ruaraidh MacThòmais[dead link]
- Scottish Poetry Library: Derick Thomson
- "Appreciation of Professor Derick S. Thomson: funeral oration," Passages from Tiree, le Dòmhnall Eachann Meek (Beurla)
- "Sorley MacLean, Derick Thomson, and the Women Most Dangerous to Men," The Bottle Imp 21: 7 (2017), le Raghnall MacIlleDhuibh (Beurla)
- "Derick Thomson and the Ossian Controversy," Anglica 29:3 (2020), le Petra Johana Poncarová (Beurla)
- "Eadar Canaan is Garrabost (Between Canaan and Garrabost): Religion in Derick Thomson’s Lewis Poetry," Studies in Scottish Literature 46:1 (2020), le Petra Johana Poncarová (Beurla)
- "The Gaelic Poetry of Derick Thomson," òraid bhideo le Emma Dymock (Association for Scottish Literary Studies, 2020), air YouTube
- A’ comharrachadh Ruaraidh MhicThòmais - le Anne Frater, Meg Bateman agus Petra Poncarová, air Youtube (46:42)
- BBC Naidheachdan 2021-07-05 Ruaraidh MacThòmais - 100 bliadhna bho rugadh (aithris-bhideo 8:07)
- BBC Naidheachdan 2021-07-05 A’ cuimhneachadh air Ruaraidh MacThòmais (aithris-bhideo 6:05)
- BBC Naidheachdan 2021-07-06 Ruaraidh MacThòmhais - sealladh a theaghlaich (aithris-bhideo 5:06)