Seumas MacThòmais

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Seumas MacThòmais
Beatha
Breith Tunga, 1888
Dùthaich  Alba
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, bàrd agus neach-teagaisg

B' e bàrd agus maighstir-sgoile a bh' ann an Seumas MacThòmais (1888-1971). B' esan athair Ruaraidh MhicThòmais.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh Seumas MacThòmais ann an Tunga, Leòdhas, ann an 1888.[1] Ann an 1916, phòs e Christina Nic a' Ghobhainn (Tìneag Aonghais Alasdair) à Ceòs. B' esan a' chiad duine a choisinn Crùn a' Bhàird aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1923 ann an Inbhir Nis.[2] Bha e a' teagaisg Gàidhlig ann an Sgoil MacNeacail, Steòrnabhagh, is as dèidh sin, bha e na mhaighstir-sgoile ann am Pabail (1922-1953).[1] Rinn e obair chudromach a thaobh teagaisg na Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean.

Bàrdachd[deasaich | deasaich an tùs]

  • Am Fasgnadh: Gaelic Poems with some English Translations. Sruighlea: 1953.

Nochd bàrdachd MhicThòmais ann an Gairm, An Rosarnach agus ann an irisean eile.

Obair Deasachaidh[deasaich | deasaich an tùs]

  • An Dìleab. Gaelic Verse for Advanced Divisions and Intermediate Classes. Edited by James Thomson, M.A. (Bayble, Lewis). An Comunn Gàidhealach: c. 1932.
  • Eilean Fraoich. Co-dheasaiche. Steòrnabhagh: Comunn Gàidhealach Leòdhais, 1938.
  • An Gàidheal (iris). Neach-deasachaidh eadar 1958 is 1962.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 T. M. Murchison. "James Thomson." The Companion to Gaelic Scotland. Deas. le Derick S. Thomson. Gairm: 1994. d. 288-289.
  2. MacNeacail, Aonghas. Bàird eadar dàimh.

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]