Fionnlagh J. MacDhòmhnaill
Fionnlagh J. MacDhòmhnaill | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Scarasta, 4 dhen Iuchar 1925 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 14 dhen Dàmhair 1987 |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Dhùn Èideann |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-naidheachd, deasaiche, preasantair telebhisein, pearsa rèidio agus riochdaire telebhisein |
Fastaichean |
BBC Scotland (1945 - Gairm (1951 - 1964) |
IMDb | nm2954093 |
B' e deasaiche, riochdaire telebhisein agus réidio a bh' ann am Fionnlagh J. MacDhòmhnaill (1925-1987), no Fionnlagh Dòmhnallach (Beurla: Finlay J Macdonald).
Rugadh agus thogadh e ann an Scarasda, na Hearadh, ann an 1925. Bha Gàidhlig aige bho thùs. Fhuair e foghlam aig Sgoil Phort Rìgh agus aig Oilthigh Ghlaschu.
Obraichean
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh e air a' BhBC ann an 1945. Bha e ag obair mar riochdaire telebhisein agus réidio, agus rinn e obair mhòr gus am bi barrachd spèis ann airson na Gàidhlig anns na meadhanan seo. Chuir e air dòigh Comann Dràma Gàidhlig. Bha e a' deasachadh iris Sgoil Phort Rìgh, "An Cabairneach".[1] Sgrìobh e trì nobhailean ann am Beurla, 's iad a' dèiligeadh ris an dòigh-beatha anns na h-Eileanan Siar eadar an Cogadh Mòr agus an Dàrna Cogadh. Bha colbh-beachd seachdaineil aige ann an Weekly Scotland.
Gairm
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 1951, chuir e agus Ruaraidh MacThòmais air dòigh Gairm, iris ràitheil Ghàidhlig. Bha i air a foillseachadh bho 1952 gu 2002. Mar a sgrìobh Ruaraidh MacThòmais:
"Chuir sinn Gairm air chois còmhla, agus 's iomadh feasgar is oidhche a bha sinn an sàs ann, anns na bliadhnachan tràtha sin. Bha fasan againn a bhith coinneachadh, nuair a bha dearbhaidhean a' chlò uile ri làimh, gus an ath àireamh a chur ri chèile. 'S ann an còmhnaidh air an fheasgar a thòisicheadh sinn, agus 's ann ainneamh a bhiodh an obair ullamh roimhe thrì no ceithir a dh'uairean an ath mhadainn." (Gairm 141, d. 11). [2]
Bha an dithis aca nan luchd-deasachaidh gu ruige 1964. As dèidh sin, bha Ruaraidh MacThòmais a' deasachadh Gairm 'na aonar.
Leabhar-chlàr
[deasaich | deasaich an tùs]- Crowdie and Cream (1982)
- Crotal and White (1983)
- The Corncrake and the Lysander (1985)
Sgeulachdan-goirid
[deasaich | deasaich an tùs]- "Air Beulaibh an t-Sluaigh"
Filmichean[3]
[deasaich | deasaich an tùs]Mar riochdaire
[deasaich | deasaich an tùs]- A Boy in Harris 1966
- Spindrift 1959
- The Highlander 1959
- Tolka Row 1959
- The Twelve Pound Look 1957
Mar sgrìobhadair
[deasaich | deasaich an tùs]- Gruth is Uachdar 2002
- The World About Us: The Corncrake and the Croft 1977
Mar neach-stiùiridh
[deasaich | deasaich an tùs]- The Twelve Pound Look 1957
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Loughran, Anne (2016): “Bibliography of the non-traditional creative Gaelic Skye prose: An Cabairneach”. Gaelic Literature of the Isle of Skye: an annotated bibliography.
- ↑ Ian Grimble. "The Poet and Scholar as Journalist." Fèill-Sgrìbhinn do Ruaraidh MacThòmais. Scottish Gaelic Studies, Vol. XVII 1996. D. 159.
- ↑ “Finlay J. MacDonald”. IMDb. Air a thogail 10mh dhen Mhàrt 2018.
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]- “The Corncrake and the Croft”. YouTube bhidio air Youtube. Air a thogail 10mh dhen Mhàrt 2018. (film goirid air a sgrìobhadh agus air aithris le Fionnlagh J. MacDhòmhnaill)