Ian Grimble
| Ian Grimble | |
|---|---|
| Beatha | |
| Breith |
British Hong Kong (en) |
| Dùthaich |
|
| Ciad chànan | Beurla |
| Bàs | Am Blàran Odhar, 1995 |
| Foghlam | |
| Foghlam |
Colaiste Balliol Oilthigh Obar Dheathain |
| Cànain | Beurla |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | eachdraiche, sgrìobhadair, cànanaiche agus Craoladair |
| Fastaichean |
BBC (mul) |
| Seirbheis san arm | |
| Meur an airm | Feachd na Fàisneise |
'S e neach-eachdraidh, craoladair agus sgrìobhadair Albannach a bh' ann an Ian Grimble. Bha ùidh shònraichte aige ann an cultair, litreachas agus eachdraidh nan Gàidheal.
A bheatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh e ann an Hong Kong, ach 's ann à Alba a bha a phàrantan. Fhuair e foghlam aig Colaiste Bhalliol, Oilthigh Oxford. Aig àm an dàrna cogaidh, bha e stèidhichte anns na h-Innseachan. Thòisich e ag obair aig a' BhBC ann an 1955. Rinn e iomadh prògram mu dheidhinn eachdraidh na h-Alba.
Ian Grimble agus a' Ghàidhealtachd
[deasaich | deasaich an tùs]Bha ùidh mhòr aig Ian Grimble ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, agus dh'ionnsaich e Gàidhlig cuideachd, b' urrainn dha leughadh agus sgrìobhadh sa chànan. Nuair a chaidh Taigh-tasgaidh Srath Nabhair a stèidheachadh, bha Ian Grimble an sàs anns a' phròiseact seo.
Sgrìobh Ruaraidh MacThòmais an dàn mu dheidhinn Ian Grimble, agus chaidh e fhoillseachadh anns an leabhar Sùil air Fàire (Acair, 2007).
Leabhar-clàr
[deasaich | deasaich an tùs]- The World of Rob Donn
- The Trial of Patrick Sellar
- Scottish Islands
- Castles of Scotland