Oilthigh Dhùn Èideann
Coltas
(Air ath-sheòladh o Oilthigh Dhùn Éideann)
Oilthigh Dhùn Èideann | |
Stèidhichte | 1582 |
Suidheachadh | Dùn Èideann, Alba |
Oileanaich | 23,715 |
Làrach-lìn | http://www.ed.ac.uk |
S' e Oilthigh Dhùn Èideann an t-oilthigh as motha ann an Dùn Èideann agus an dara fear as motha ann an Alba. Chaidh a stèidheachadh ann an 1592. Tha e air a mhothachadh gu h-eadar-nàiseanta airson an teagaisg agus an rannsachaidh anns am bi e an sas. B' e Oilthigh Dhùn Èideann an ceathramh oilthigh a chaidh a stèidheachadh ann an Alba, agus mar sin tha e na phàirt de sheann oilthighean na h-Alba. Tha an t-oilthigh am measg nan feadhna as treasa agus as ainmeile anns an t-saoghal agus tha e an-dràsta an lùib nan 25 gràinnean-mullaich de dh'oilthighean.
Seann Oileanaich Oilthigh Dhùn Èideann
[deasaich | deasaich an tùs]Daoine le ceangal ri Oilthigh Dhùn Èideann:
- Ásgeir Ásgeirsson
- Alexander Graham Bell
- Iain Frangan Caimbeul (Iain Òg Ìle), sgoilear beul-aithris agus deasaiche nan leabhraichean 'Sgeulachdan Gaidhealach' no Popular Tales of the West Highlands.
- Charles Darwin
- Arthur Conan Doyle
- David Hume
- George Elder Davie, feallsanaiche
- Seumas Mac a' Phearsain
- Donnchadh MacCoinnich
- Somhairle MacGill-Eain
- Màrtainn MacGilleMhàrtainn, sgrìobhadair bhon Eilean Sgitheanach
- James Clerk Maxwell
- Walter Scott
- Robert Louis Stevenson
- James Mirrlees, eaconamaiche Albannach
- John Bannerman, eachdraiche cliùiteach na Gaidhealtachd
- Padraig Sellar
- Kitty NicLeòid, seinneadair Gàidhlig
- Iain Moireach, sgrìobhadair Gàidhlig
- Anna Latharna NicGillÌosa, seinneadair agus sgrìobhadair Gàidhlig
- Iain MacAonghais, sgoilear na Gàidhlig
- Crìsdean Dillon, craoladair agus sgrìobhadair Gàidhlig
- Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach, cruinniche sgeulachdan agus beul-aithris na Gàidhlig
- David Adger,
Luchd-teagaisg ann an Oilthigh Dhùn Èideann
[deasaich | deasaich an tùs]- Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (1962-1994)
- Dòmhnall MacFhionghain (bho 1882-1914)
- Mairead Anna NicAoidh, cànanaiche, sgoilear na Gàidhlig
- Max Born (1936–1953)
- Ruaraidh MacThòmais (1948)
Faic cuideachd
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Làrach-lìn Oilthigh Dhùn Èideann
- BBC Naidheachdan 2015-12-01: Duais ùr mar chuimhne air “Prionnsa na h-Iomain”
Oilthighean aosmhor na h-Alba