Ásgeir Ásgeirsson

O Uicipeid
Ásgeir Ásgeirsson
Ministear an Ionmhais Innise Tìle

20 dhen Lùnastal 1931 - 9 dhen Dùbhlachd 1933
Tryggvi Þórhallsson - Eysteinn Jónsson (en) Translate
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

3 dhen Ògmhios 1932 - 28 dhen Iuchar 1934
Tryggvi Þórhallsson - Hermann Jónasson
2. Ceann-suidhe Innis Tìle

1 dhen Lùnastal 1952 - 31 dhen Iuchar 1968
Sveinn Björnsson - Kristján Eldjárn
Beatha
Breith Innis Tìle, 13 dhen Chèitean 1894
Dùthaich  Innis Tìle
Bàs Reykjavík, 15 dhen t-Sultain 1972
Àite-adhlacaidh Innis Tìle
Teaghlach
Cèile Dóra Þórhallsdóttir (en) Translate  (1917 -  10 dhen t-Sultain 1964)
Foghlam
Foghlam Oilthigh Copenhagen
Oilthigh Innis Tìle
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus bancair
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Adhartach

B' e bancair, diadhair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Ásgeir Ásgeirsson (IPA: ˈausceir̥ ˈausceir̥sɔn).[1] Rugadh e air 13 an Cèitean 1894 ann an Kóranesi á Mýrum (Vesturland).[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn á Mýrum, Oilthigh Innis Tìle, Oilthigh Copenhagen, Oilthigh Uppsala agus Oilthigh Dhùn Èideann ach b' ann à Oilthigh Manitoba a fhuair e a dhotaireachd. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1923 agus bha e na labhraiche eadar 1930 agus 1931. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1932 gu ruige 1934 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach). Dh'fhàg e am pàrtaidh seo ann an 1934 agus, mu dheireadh thall, dh'aontaich e ri Alþýðuflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach). Fad 16 bliadhna, eadar 1952 agus 1968, b' e gu robh e na fhorseti (Gàidhlig: ceann-suidhe), an dèidh gun do ghabh an dùthaich ris a' phoblachd ann an 1944.[3] Phòs e aig Dóra Þórhallsdóttir ann an (1917).[4] Bha athair Þórhallsdóttir na easbaig agus bha a bràthair, Tryggvi Þórhallsson, na fhorsætisráðherra airson Framsóknarflokkurinn bho 1927 gu ruige 1932. Bha chliamhainn Ásgeirsson, air an robh Gunnar Thoroddsen, na fhorsætisráðherra airson Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd) eadar 1980 agus 1983. Chaochail e ann an Reykjavík air 15 an t-Sultain 1972.

Caibineit Ásgeirsson[deasaich | deasaich an tùs]

Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Ásgeirsson os cionn an riaghaltais.[5] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:

Ro-theachdair:
Tryggvi Þórhallsson
(1932)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Guðmundur Emil Jónsson
(1934)

Taghaidh dhan Cheannas[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a thaghadh dhan cheannas ceithir tursan. Seo na torridhean a fhuair e:

Bliadhna Bhòtaichean %
1952 32,924[6] 48.3%
1956 Cha do sheas duine sam bi na aghaidh
1960 Cha do sheas duine sam bi na aghaidh
1964 Cha do sheas duine sam bi na aghaidh

Prìomh-mhinistearan fo Ásgeirsson[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Ásgeirsson na cheann-suidhe fad sia biadhna deug agus bha ceathrar prìomh-mhinistear, a riochdachadh trì pàrtaidhean fodha fad 's a bha e san dreuchd, mar a leanas:

Ro-theachdair:
Sveinn Björnsson
(1952)
Forseti Íslands
Neach-ionlaid:
Kristján Eldjárn
(1968)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alþingi
  2. Morgunblaðið
  3. Vísindavefurinn
  4. Tíminn
  5. Stjórnarraðið
  6. Kosningasaga

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]