Vesturland
| Vesturland | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Prìomh-bhaile | Borgarnes |
| Siorrachdan Traidiseanta | Borgarfjarðarsýsla, Dalasýsla, Mýrasýsla agus Snæfellsnes- og Hnappadalssýsla. |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 9,522 km² |
| Àireamh-shluaigh | 15,025 (2019) |
| Dlùths | 1.58/km² |
| Duilleag oifigeil | Vesturland |
'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Vesturland (Gàidhlig: Tìr an Iar).[1] Tha e suidhichte gu tuath air Reykjavík, eadar Höfuðborgarsvæðið, Norðurland vestra, Suðurland agus Vestfirðir. 'S e Akranes a th' anns a' bhaile as motha na roinne, ged a tha a cuid rianachd phoblaich suidhichte ann am Borgarnes.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Eadar 965 agus 1874 bhuinneadh Vesturland gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Vestfirðingafjórðungur/Breiðfirðingafjórðungur còmhla ri Vestfirðir.[3] 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann am Vesturland gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[4]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Magnús Guðmundsson (1879 - 1937) Neach-poileataigs.
- Ólafur Tryggvason Thors (1892 - 1964) Neach-poileataigs.
- Ásgeir Ásgeirsson (1894 - 1972): Neach-poileataigs.
- Jón Óskar Ásmundsson (1921–1998): Bàrd.
- Edda Heiðrún Backman (1957–2016): Actair.
- Veturliði Óskarsson: (1958) Cànanaiche.
- Sigurður Páll Jónsson: (1958) Neach-poileataigs.
- Magnús Scheving: (1986) Actair agus lùth-chleasaiche.
- Haraldur Benediktsson (1966): Neach-poileataigs.
- Bergþór Ólason (1975): Neach-poileataigs.
- Þórhildur Sunna Ævarsdóttir (1987): Neach-poileataigs.
- Þórdís Kolbrún R. Gylfadóttir (1987): Neach-poileataigs.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Àireamh-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]Seo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[5] Thuit an uiread dhaoine a tha san roinn an dèidh a' Chogaidh ach tha e a-nis nas àirde na bha e a-riamh.
| Bliadhna | Àireamh-sluaigh | % Nàiseanta |
| 1920 | 10.167 | 10,77% |
| 1930 | 9.636 | 8,87% |
| 1940 | 9.927 | 8,17% |
| 1950 | 10.065 | 6,98% |
| 1960 | 11.973 | 6,68% |
| 1970 | 13.205 | 6,45% |
| 1980 | 14.884 | 6,44% |
| 1990 | 14.537 | 5,64% |
| 2000 | 14.263 | 5,01% |
| 2010 | 15.370 | 4,84% |
Siorrachdan ann am Vesturland
[deasaich | deasaich an tùs]Tha ceithear seann shiorrachdan ann am Vesturland: Borgarfjarðarsýsla, Dalasýsla, Mýrasýsla agus Snæfellsnes- og Hnappadalssýsla.
- Eldborg.
- Snæfellsjökull.
- Snæfellsjökull.
- Búlandshöfði.
- Innri-Hólmur.
- Grundarfjörður.
- Ólafsvík.
- Búðahraun.
- Höfn.
- Saxhóll.
- Kirkjufell.
