Suðurland
| Suðurland | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Prìomh-bhaile | Selfoss |
| Siorrachdan Traidiseanta | Árnessýsla, Rangárvallasýsla, Vestur-Skaftafellssýsla |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 24,256 km² |
| Àireamh-shluaigh | 23,311 (2018) |
| Dlùths | 0.96/km² |
| Duilleag oifigeil | Suðurland |
'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Suðurland (Gàidhlig: Tìr a Deas).[1] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, eadar Austurland, Höfuðborgarsvæðið, Norðurland eystra, Norðurland vestra, Suðurnes agus Vesturland. 'S e Selfoss a th' anns a' bhaile as motha na roinne, far a bheil a cuid rianachd phoblaich suidhichte.[2]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Eadar 965 agus 1874 bhuinneadh a' mhòr-cuid dhen talamh ann an Suðurland gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Sunnlendingafjórðungur/Rangæingafjórðungur còmhla ri Höfuðborgarsvæðið agus Suðurnes.[3] Bha sgìrean mòra air an àirde an ear na roinne ann an Austfirðingafjórðungur cuideachd. Chaidh Sgìreachd-easbaig Skálholt a stèidheachadh an seo ann an 1056. 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann an Suðurland gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[4]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Sigurður Ingi Jóhannsson (1962): Neach-poileataigs.
- Svandís Svavarsdóttir (1964): Neach-Poileataigs.
- Björt Ólafsdóttir (1983): Neach-Poileataigs.
Bailtean
[deasaich | deasaich an tùs]Àireamh-sluaigh
[deasaich | deasaich an tùs]Seo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[5] 'S ann aig Suðurnland 's a tha an treas àireamh-sluaigh as àirde na dùthcha, an dèidh Höfuðborgarsvæðið agus Norðurland eystra.
| Bliadhna | Àireamh-sluaigh | % Nàiseanta |
| 1920 | 13785 | 14,60 % |
| 1930 | 13694 | 12,61 % |
| 1940 | 13555 | 11,15 % |
| 1950 | 13826 | 9,58 % |
| 1960 | 16018 | 8,95 % |
| 1970 | 18052 | 8,82 % |
| 1980 | 19637 | 8,49 % |
| 1990 | 20402 | 7,92 % |
| 2000 | 21119 | 7,41 % |
| 2007 | 23478 | 7,46 % |
Siorrachdan ann an Suðurland
[deasaich | deasaich an tùs]Tha trì sheann shiorrachd ann an Suðurland: Árnessýsla, Rangárvallasýsla, Vestur-Skaftafellssýsla.
- Gullfoss.
- Vík í Mýrdal.
- Geysir.
- Selfoss.
- Mýrdalsjökull.
- Katla.
- Ystiklettur.
- Vestmannaeyjar.
- Hveragerdi.
- Kerið.
- Skálholt.
