Jump to content

Norðurland vestra

O Uicipeid
Norðurland vestra
Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Prìomh-bhaile Sauðárkrókur
Siorrachdan Traidiseanta Austur-Húnavatnssýsla, Skagafjarðarsýsla agus Vestur-Húnavatnssýsla
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 12,737 km²
Àireamh-shluaigh 7,810 (2007)
Dlùths 0.61/km²
Duilleag oifigeil Norðurland vestra

'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Norðurland vestra (Gàidhlig: Tìr an Iar-thuath).[1] Tha e suidhichte gu math tuath air Reykjavík, eadar Norðurland eystra agus Vesturland. 'S e Sauðárkrókur a th' anns a' bhaile as motha na roinne, far a bheil a cuid rianachd phoblaich suidhichte.[2]

Eadar 965 agus 1874 bhuinneadh Norðurland vestra gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Norðlendingafjórðungur/Eyfirðingafjórðungur còmhla ri pìosan beaga Vesturland.[3] Chaidh Sgìreachd-easbaig Hólar a stèidheachadh an seo an an 1103. 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann an Norðurland vestra gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[4]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Àireamh-sluaigh

[deasaich | deasaich an tùs]

Seo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[5] 'S e gu bheil dì-dhaoineachadh na trioblaid san roinn. Thuit an uiread dhaoine a tha san roinn an dèidh a' Chogaidh agus an uair sin aig toiseach na 21mh Linn.

Bliadhna Àireamh-sluaigh % Nàiseanta
1920 8 636 9.14%
1930 8 000 7.36%
1940 7 665 7.30%
1950 7 340 5.09%
1960 7 561 4.22%
1970 7 748 3.79%
1980 8.628 3.73%
1990 8 631 3.35%
2000 7 873 2.76%
2011 7 393 2.31%

Siorrachdan ann an Norðurland vestra

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha trì seann shiorrachdan ann an Norðurland vestra: Austur-Húnavatnssýsla, Skagafjarðarsýsla agus Vestur-Húnavatnssýsla.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Samband Íslenskra Sveitarfélagra
  2. Sauðárkrókur
  3. Stjórnarriðið
  4. Landskjór
  5. Hagstofa

Ceanglaichean A-muigh

[deasaich | deasaich an tùs]
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: