Sgìreachd-easbaig Hólar

O Uicipeid
Hólabiskupa
Sgìreachd-easbaig Hólar
Fiosrachadh
Stèidheachadh 1106 agus 1919
Dùthach Innis Tìle
Creideamh Lùtaireachd
Eaglais Eaglais Chaitligeach (1106 - 1552), Þjóðkirkjan 1552

'S e sgìreachd-easbaig, oilthigh agus làrach eachdraidheil 's a th' ann an Hólar.[1] Tha e suidhichte ann an ceann a tuath Innise Tìle, ann an gleann air a bheil Hjaltadalur, san roinn Norðurland vestra (Roinn an Iar-thuath). Tha an t-ainm a' ciallachadh Cnocan sa chànan aca, bho hol (cnoc). Ghabh an dùthaich ri Criosdaidheachd anns an 11mh Linn, pròiseas ris an canadh Kristnitakan (Gàidhlig: Crìosdachadh Innis Tìle).[2] Chuireadh air dòigh dà sgìreachd-easbaig, Skálholt faisg air Selfoss ann an 1056, a tha suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha agus Hólar fhèin, ann an 1106. Chuireadh Hólar ri chèile le Skálholt ann an aon sgìreachd-easbaig nàiseanta ann an 1801. Chaidh eaglais a thogail ann an Hólar goirid às deidh na ràinig Crìosdaidheachd dhan dùthaich. Thogadh sgoil an seo anns na meadhann aoisean agus on latha seo 's e àite far an robh agus far a bheil sgoilearachd gu math làidir gus an latha an-diugh. Tha Colaiste Oilthigh Hólar a-measg nan oilthighean nas fhèarr na dùthcha.[3]

Easbaigean[deasaich | deasaich an tùs]

Seo na easbaigean a bh' ann fhad 's a bha an dùthaich fhathast fo sgàil na h-Eaglaise Chaitligiche.

Easbaigean Lùtaireach[deasaich | deasaich an tùs]

Seo liosta nan easbaigean on a ghabh an dùthaich ri Lùtaireachd.

Easbaigean Nàiseanta[deasaich | deasaich an tùs]

  • 1909–1927: Geir Sæmundsson
  • 1928–1937: Hálfdán Guðjónsson
  • 1937–1959: Friðrik J. Rafnar
  • 1959–1969: Sigurður Stefánsson
  • 1969–1981: Pétur Sigurgeirsson
  • 1982–1991: Sigurður Guðmundsson
  • 1991–2002: Bolli Gústavsson
  • 2003–2012: Jón Aðalsteinn Baldvinsson
  • 2012–present: Solveig Lára Guðmundsdóttir

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Iceland Road Guide
  2. Eimreiðin
  3. Háskólinn í Hólum

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: