Austurland

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Austurland
Austurland in Iceland.svg
Suidheachadh
Dùthaich Flag of Iceland.svg Innis Tìle
Prìomh-bhaile Egilsstaðir
Siorrachdan Traidiseanta Austur-Skaftafellssýsla, Norður-Múlasýsla Suður-Múlasýsla
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 22,721 km²
Àireamh-shluaigh 15,300 (2018)
Dlùths 0.67/km²
Duilleag oifigeil Austurland

'S e roinn ann an Innis Tìle a th' ann an Austurland (Gàidhlig: Tìr a Ear ainm neo-fhoirmeil: Austfirðir).[1] Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, eadar Norðurland eystra agus Suðurland. 'S e Egilsstaðir a th' anns a' bhaile as motha na roinne, far a bheil a cuid rianachd phoblaich suidhichte.[2]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Eadar 965 agus 1874 bhuinneadh a' mhòr-cuid dhen talamh ann an Austurland gu landsfjórðungur (Gàidhlig: Cairteal) air an robh Austfirðingafjórðungur.[3] Bha sgìrean mòra air an àirde an ear na roinne ann an Norðlendingafjórðungur cuideachd. 'S ann aig ìre nam bailtean s' a thathar a' toirt seachad na rianachd phoblaich an latha an-diugh, ged a thathar a' cleachdadh nan roinnean airson anailise stadastaigeil. B' e roinn-phàrlamaid a th' ann an Austurland gu ruige 2003 cuideachd, nuair a chaidh na sia roinnean-phàrlamaid a th' ann a-nis a stèidheachadh.[4]

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean[deasaich | deasaich an tùs]

Àireamh-sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

Seo mar a tha àireamh-sluaigh na roinne air atharrachadh fad nam bliadhnaichean agus an taca ris an còrr dhen dùthaich.[5] Thuit an uiread dhaoine a tha san roinn an dèidh a' Chogaidh agus an uair sin aig toiseach na 21mh Linn, ach tha e a-nis nas àirde na bha e a-riamh.

Bliadhna Àireamh-sluaigh % Nàiseanta
1920 10245 10,85 %
1930 10545 9,71 %
1940 10 220 8,41 %
1950 9 848 6,85 %
1960 9848 5,78 %
1970 11315 5,53 %
1980 12856 5,56 %
1990 13216 5,13 %
2000 11768 4,13 %
2007 13901 4,41 %

Siorrachdan ann an Austurland[deasaich | deasaich an tùs]

Tha trì sheann shiorrachd ann an Austurland: Austur-Skaftafellssýsla, Norður-Múlasýsla agus Suður-Múlasýsla.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Samband Íslenskra Sveitarfélagra
  2. Fljótsdalshérað
  3. Stjórnarriðið
  4. Landskjór
  5. Hagstofa

Ceanglaichean A-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: