Egilsstaðir

O Uicipeid
Egilsstaðir

Suidheachadh
Dùthaich Innis Tìle
Sgìre Austurland
Co-chomharran 64° 57' 4 Tuath
15° 9' 26 Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 138 km²
Àireamh-shluaigh 2,332 (2019)
Dlùths 16.9/km²
Àireamh fòn + 354
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile air an àirde an ear Innis Tìle a th’ ann an Egilsstaðir (IPA: εiːjɪlsˌstaːðɪr̥). Tha e suidhichte faisg air Djúpivour, dìreach aig 32m os cionn ìre na mara,[1] san roinn Austurland (Roinn an Ear), ri taobh na h-aibhne Lagarfljót, 647km air falbh bho Selfoss agus 637km bho Garðabær.[2] Tha 2,332 duine a’ fuireach sa bhaile.[3] Tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte air iasgach agus turasachd. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðausturkjördæmi.[4]

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh Egilsstaðir a chlàradh airson a' chiad turais anns an 15mh linn mar àite far a chumadh seanadh reachdail sgìreil Innis-Tìlis: Þing. Thathas a' toirt iomradh air an abhainn Eyvindará a tha faisg air làimh ann an Sàga Mhic Droplaug agus Sàga luchd-còmhnaidh Fljótsdalur.

A bharrachd air sin, nochd croit air an robh Egilsstaðir san sgìre seo anns an 72an caibideil dhen Landnámabók:[5]

Steinbjörn körtur hét son Refs hins rauða; hann fór til Íslands og kom í Vopnafjörð. Eyvindur föðurbróðir hans gaf honum land allt milli Vopnafjarðarár og Vestradalsár; hann bjó að Hofi. Hans synir voru þeir Þormóður stikublígur, er bjó í Sunnudal, annar Refur á Refsstöðum, þriðji Egill á Egilsstöðum, faðir Þórarins og Þrastar og Hallbjarnar og Hallfríðar, er átti Þorkell Geitisson.

B' e Steinbjörn Kurts a bh' ann mac Ref Ruadh; Chaidh e a dh'Innis Tìle agus thàinig e a Vopnafjörður. Thug bràthair a mhàthar Eyvindur fearann dha air an t-slighe eadar Vopnafjörður agus Vestradalsá; b' ann ann an Hof 's a bha e a' fuireach. Bha mic a nàbaidh Þormóður a' fuireach ann an Sunnudalur, an dàrna Refur ann an Refsstaðir, agus an treas, Egil, ann an Egilsstadir, athair Þórarin agus Þrastar agus Hallbjarnar agus Hallfríðar, air an robh Þorkell Geitisson.

Cha deach am baile a stèidheachadh ach ann an 1947, ged a chaidh taigh as aosda a thogail ann an 1944. An dèidh a’ Chogaidh dh' atharraich Innis Tìle an ceann ginealach bho dhùthaich gu math dùthchail gu dùthaich gu math urban. Ann an Egilsstaðir thogadh, fad bliadhnaichean, ospadail, port-adhair, sgoiltean, agus stèisean-cumhachd. Eadar 2001 agus 2010 dh' àrdaich an uiread dhaoine a bha a' fuireach sa bhaile bho 1,600 gu 2,257, 61% an ceann 10 bliadhna.

Freumh-fhaclachd[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an t-ainm a' ciallachadh Àite Egils sa chànan aca, bho staðir (àite) agus an t-ainm Egils.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Meadhanan[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Falling Rain
  2. Global Feed Distance Calculator
  3. Hagstofa Íslands
  4. Alþingi
  5. Snerpa

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: