Jump to content

Nína Tryggvadóttir

O Uicipeid
Nína Tryggvadóttir
Beatha
Breith Seyðisfjörður (en) Translate, 16 dhen Mhàrt 1913
Dùthaich  Innis Tìle
Bàs Eabhraig Nuadh, 18 dhen Ògmhios 1968
Teaghlach
Cèile Alfred L. Copley (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd peantair
Gluasad abstract expressionism (en) Translate

B' e peantair agus bàrd à Innis Tìle a bh' ann an Nína Tryggvadóttir air neo Jónína Tryggvadóttir (Seyðisfjörður, 16 am Màrt, 1913 - Eabhraig Nuadh 18 an t-Ògmhios, 1968).[1]

B' e Gunndóra Benjamínsdóttir, bean-taighe, agus Tryggvi Guðmundsson, tìdsear a bh' ann a cuid phàrantan. Ruitheadh iad bùth ann an Seyðisfjörður, far an do rugadh Nína, gu ruige 1920 nuair a ghluais an teaghlach gu Reykjavík. Bha dithis bhràithrean aig Nína, Olaf a rugadh ann an 1910 agus Viggó a rugadh ann an 1918, agus bha còignear leth-pheathraichean aice cuideachd. Nuair a thàinig i gu Reykjavik, thòisich Nína a cuid ionnsachaidh aig Sgoil Chloinne Reykjavík agus an uairsin nas fhaide air adhart aig Sgoil nam Ban Reykjavik. Bha Asgrímur Jónsson, peantair, na nàbaidh don teaghlach agus tha e glè choltach gu bheil e air Nina a stiùireadh gu làimhseachadh agus cleachdadh peant ola. A thaobh seo, ge-tà, cha deach mòran a dhèanamh mu chultar is ealain. Chaidh an Comann Càirdeas Ealain a stèidheachadh ann an 1919 agus tha a' chiad taisbeanadh ealain foirmeil aca san aon bhliadhna. Ann an 1933, thòisich Nína peantadh agus ealain a dh' ionnsachadh gu foirmeil le Finni Jónsson agus Johann Briem,[2] agus dà bhliadhna às deidh sin chaidh i dhan Det Kongelige Danske Kunstakademi ann an Copenhagen far an do dh' ionnsaich i ealain ann bho 1935 gu ruige 1939.

Às deidh dhi crìoch a chur air a cuid ionnsachaidh agus ùine ghoirid ann am Paris, thill Nína a Innis Tìle. Thòisich an Dàrna Cogadh, agus dh'fhuirich Nína san dùthaich. Chùm i a; chiad taisbeanadh prìobhaideach aice de luchd-eòlais ann an 1942, naoi bliadhna mus deach Gailearaidh Nàiseanta Innis Tìle a stèidheachadh.[3]

Tro na bliadhnaichean 1943 gu 1946, bha Nína ann an Eabhraig Nuadh, le taic-airgid on stàit Innis Tìleach.[4] An sin, fhuair i fhèin agus Innis Tìleach eile, Louisa Matthíasdóttir, foghlam neach-ealain Gearmailteach, Hans Hofmann, a theich às a' chogadh. Rè a cuid ionnsachaidh, fhuair Nina cuireadh taisbeanadh a dhèanamh aig gailearaidh ealain a bharrachd air obair air film aig Taigh-cluiche Macmillan aig Oilthigh Cholumbia ann an Eabhraig Nuadh, air an robh mòran spèis.

Anns na bliadhnaichean dìreach às deidh a' chogaidh, cha robh mòran ealain ann an Innis Tìle. An uairsin ghabh Nína pàirt ann an taisbeanadh radaigeach ris an canar Taisbeanadh an t-Sultain, a chùm buidheann de luchd-ealain òga as t-fhoghar 1947, agus dh' obraich iad air leabhraichean dealbhachaidh. Chaidh cuireadh a thoirt dhi gu taisbeanadh a-rithist ann an gailearaidh ealain ann an Eabhraig Nuadh san Dàmhair 1948. Beagan mhìosan an dèidh sin, phòs i aig Alfred L. Copley, lighiche Gearmailteach a theich dha na Stàitean Aonaichte ann an 1935 agus a bha na neach-ealain. Thill i an uairsin gu Innis Tìle ann an 1949 gus na rudan a bhuineadh dhi fhaighinn air ais, ach chaidh diùltadh siubhal dha na Stàitean Aonaichte.

Bha nighean aig Nina agus Alfred, Unu Dóru Copley, mus do ghluais iad gu Paris as t-fhoghar 1952. Às an sin, ghluais an teaghlach a Lunnainn còig bliadhna às deidh sin, far an do chùm Nina dà thaisbeanadh a bharrachd air aon sa Ghearmailt mus do ghluais iad a-rithist gu Eabhraig Nuadh ann an 1959.

Ann an 1963, an aon bhliadhna a thionndaidh i leth-cheud bliadhna a dh'aois, chùm Nína taisbeanadh ann an Talla an Neach-ealain aig Comann Luchd-ealain Lèirsinneach Innise Tìle. Ghabh i os làimh a bhith ag obair air ìomhaigh breac-dhualach aig Eaglais Skálholt. Am measg na h-obraichean breac-dhualach aice bha obraichean mòra airson Taigh-Òsta Loftleidir agus Landsbanki, a chaidh an dà chuid a stèidheachadh fo stiùireadh Alfred, an duine aice. Bhàsaich Nína le aillse air 18 an t-Ògmhios, 1968.[5] As t-samhradh 2018, cho-dhùin Una Dóra Copley, nighean Nina, leabharlann obair-ealain a màthar a thoirt air ais a Reykjavik.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Aware Women Artist
  2. Art
  3. David Richard Gallery
  4. Kvennasögusafin[dead link]
  5. Morgunblaðið

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]