Björt Ólafsdóttir
| Björt Ólafsdóttir | |||||||||
|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
|
| |||||||||
27 dhen Ghiblean 2013 - 29 dhen Dàmhair 2016 Sgìre: Reykjavík a Tuath Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2013
29 dhen Dàmhair 2016 - Sgìre: Reykjavík a Tuath Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2016
11 dhen Fhaoilleach 2017 - 30 dhen t-Samhain 2017 ← Sigrún Magnúsdóttir (en) | |||||||||
| Beatha | |||||||||
| Breith | Bláskógabyggð, 2 dhen Mhàrt 1983 | ||||||||
| Dùthaich |
| ||||||||
| Foghlam | |||||||||
| Cànain | Innis Tìlis | ||||||||
| Dreuchd | |||||||||
| Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||||
| Creideamh | |||||||||
| Pàrtaidh poileataigeach | Björt framtíð | ||||||||
'S e eòlaiche ghoireasan daonna, teiripiche agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann am Björt Ólafsdóttir.[1] Rugadh e air 2 am Màrt 1983 ann am baile beag air a bheil Biskupstungur ann am Bláskógabyggð (Suðurland).[2] Fhuair i a chuid foghlaim sgoile aig Menntaskólinn við Hamrahlíð agus thug e ceum ann an Eòlas-inntinn agus Eòlas Gnè bho Oilthigh Innis Tìle. An uair sin rinn i Msc ann an Stiùireadh Ghoireasan Daonna aig Oilthigh Lund. Chuir i seachad na bliadhnaichean bhho 2011 gu ruige 2013 mar cheannard air a' bhuidheann Geðhjálp, a bhios a' cuideachadh dhaoine le tinneas inntinn.[3] Tha i pòsta aig an innleadair Birgir Viðarsson[4] agus tha ceathrar chloinne aice. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 2013 airson Björt framtíð (Gàidhlig: Teachd Soilleir) agus bha i na Ministear na h-Àrainneachd agus Goireasan Nàdarra fo Bhjarni Benediktsson fad greiseag ann an 2017, nuair a bha a pàrtaidh anns an riaghaltas ann an co-bhann le Sjálfstæðisflokkurinn agus Viðreisn.[5] 'S e Ólafsdóttir a th' ann cathraiche a' phàirtidh aig an ìre seo.