Oilthigh Innis Tìle
Oilthigh Innis Tìle "Háskóli Íslands" | |
Stèidhichte | 1911 |
Suidheachadh | Reykjavík, Innis Tìle |
Oileanaich | 12,500 (2014) |
Làrach-lìn | https://www.hi.is/ |
'S e oilthigh rannsachadh na stàite ann an Reykjavík a th' ann an Oilthigh Innis Tìle (Innis-Tìlis: Háskóli Íslands).[1] Chaidh Oilthigh Innis Tìle a stèidheachadh air 17 an t-Ògmhios, 1911, fo èigheachd an Alþingi. Thòisich iad ag obair tràth san Dàmhair sa bhliadhna sin. B' e dìreach trì dàimhean a bha an lùib aig an toiseach tòisichidh: Sgoil na Sagartachd, Sgoil Mheidigeach agus an Sgoil Lagha. Bha aon roinn fa-leth taobh a-staigh an Oilthigh airson gach aon dhiubh, agus chaidh roinn feallsanachd sònraichte a stèidheachadh aig a cheann thall. Anns a' chiad bhliadhna cha robh ach 45 oileanach ann, còignear ann an roinn na diadhachd, seachd-deug ann an roinn an lagha agus 23 anns an roinn mheidigeach, ach cha robh gin dhiubh clàraichte anns an roinn feallsanachd. B. e Björn M. Ólsen, àrd-ollamh feallsanachd, a' chiad phrionnsapal san sgoil.
Airson a' chiad 29 bliadhna, bha Oilthigh Innis Tìle suidhichte air làr ìosal an Alþingishusið - togalach na pàrlamaid - ann an Ceàrnag Austurvöllur, ach ann an 1940 ghluais an sgoil gu togalach ùr, prìomh thogalach an Oilthigh, ann an Sràid Suðurgata. Bhon uairsin, tha sgìre an Oilthigh air leudachadh gu mòr, agus tha mòran thogalaichean air an cleachdadh air gach taobh Suðurgata agus ann a bharrachd àiteachan.[2] Tha Crannchur an Oilthigh air pàigheadh gu ìre mhòr airson cosgaisean togalaichean ùra sgoile a bharrachd air cumail suas seann thogalaichean, a chaidh a stèidheachadh ann an 1934 le cead sònraichte. Aig deireadh 2007, chaidh Ceàrnag an Oilthigh a choileanadh, a tha na sheòrsaiche cumanta de dhà thogalach, 8,500m². B’ ann as t-earrach 2006 a thòisich obair togail. Chuir Guðni Thorlacius Jóhannesson - ceann-suidhe Innise Tìle - bliadhnaichean ag obair an seo.
Seann Oileanaich
[deasaich | deasaich an tùs]- Einar Arnórsson
- Ásgeir Ásgeirsson
- Bjarni Benediktsson (1908)
- Bjarni Benediktsson
- Rósa Björk Brynjólfsdóttir
- Vigdís Finnbogadóttir
- Ingibjörg Sólrún Gísladóttir
- Ólafur Ragnar Grímsson
- Þorgerður Katrín Gunnarsdóttir
- Sigmundur Davíð Gunnlaugsson
- Jóhann Hafstein
- Geir Hallgrímsson
- Katrín Jakobsdóttir
- Guðni Thorlacius Jóhannesson
- Hermann Jónasson
- Ólafur Jóhannesson
- Davíð Oddsson
- Björt Ólafsdóttir
- Veturliði Óskarsson
- Inga Sæland
- Steingrímur Jóhann Sigfússon
- Magnús Scheving
- Guðmundur Steingrímsson
- Svandís Svavarsdóttir
- Gunnar Thoroddsen
- Tryggvi Þórhallsson
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]
Colaiste Oilthigh Hólar | Oilthigh Akureyri | Oilthigh Bifröst | Sgoil Ealain Innise Tìle | Oilthigh Innis Tìle | Oilthigh Reykjavík | Oilthigh Tuathanachail Innis Tìle