Jump to content

Guðmundur Steingrímsson

O Uicipeid
Guðmundur Steingrímsson
Ball an Alþingi


Ball Pàrlamaid Innise Tìle 2009 - 2013

25 dhen Ghiblean 2009 - 22 dhen Lùnastal 2011
Sgìre: Iar-thuath
Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2009
Ball Pàrlamaid Innise Tìle 2009 - 2013

22 dhen Lùnastal 2011 - 27 dhen Ghiblean 2013
Sgìre: Iar-thuath
Ball Pàrlamaid Innise Tìle 2013 - 2016

27 dhen Ghiblean 2013 - 29 dhen Dàmhair 2016
Sgìre: Iar-dheas
Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2013
Beatha
Breith Reykjavík, 28 dhen Dàmhair 1972
Dùthaich  Innis Tìle
Teaghlach
Athair Steingrímur Hermannsson
Foghlam
Foghlam Oilthigh Oxford
Oilthigh Caitligeach Leuven
Oilthigh Uppsala
Oilthigh Innis Tìle
Cànain Innis Tìlis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, neach-naidheachd agus neach-ciùil
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Björt framtíð

'S e ceòladair, neach-aithris, sgrìobhadair, riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann an Guðmundur Steingrímsson.[1] Rugadh e air 27 an Dàmhair 1972 ann an Reykjavík.[2] 'S ann gu teaghlach beartach agus cumhachdail 's a bhuinneas e: bha athair (Steingrímur Hermannsson) agus a sheanair (Hermann Jónasson) nam fhorsætisráðherra (Gàidhlig: prìomh-mhinistearan) roimhe. Fhuair e a chuid foghlaim sgoile aig Menntaskólinn í Reykjavík, far an robh e na cheann-suidhe a' chomainn-oileanaich Framtíðin.[3] An dèidh na sgoile thug e ceum ann am feallsanachd agus Innis-Tìlis bho Oilthigh Innis Tìle, agus an uair sin chaidh e thall thairis gu Oilthigh Uppsala, Oilthigh Caitligeach Leuven agus Oilthigh Oxford.[4] Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 2009 airson Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), ach dh'fhàg e pàrtaidh a theaghlaich agus ghabh e ri Björt framtíð (Gàidhlig: Teachd Soilleir), pàrtaidh ùr a stèidhich e fhèin còmhla ri Róbert Marshall agus cuid a dhaoine à Besti flokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh as Fhèarr).[5] Cha do ghabh e pàirt anns na taghaidhean nàiseanta ann an 2016.[6] Tha e air a bhith pòsta dà thuras: aig a' pheantair Marta María Jónsdóttir agus aig an actair Alexía Björg Jóhannesdóttir, ach dhealaich e bhuapsa. Tha triùir chloinne aige. Bho 1992 tha e air a bhith a sàs anns na còmhlain-ciùl Skárren ekkert agus Ske, a cho-stèidhich e. Mar neach-naidheachd, tha e air a bhith ag obair airson a' phàipear-naidheachd Fréttablaðið agus sianal telebhisein air a bheil Sirkus bho 2003.[7] A bharrachd, bho 2013 tha e air a bhith na bhall na bhuidheann riochdachadh Innise Tìle gu Seanadh Pàrlamaideach OSCE, far a thug e a chuid thaic gu gluasad a bhrosnaicheadh co-obrachadh eadar an OSCE PA agus an OSCE fhèin.[8]

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Áhrif mín á mannkynssöguna (2003)[9]
  • Heimsendir (2004)
  • Svínið Pétur (2009)

Prògraman Telebhisein

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Kvöldþáttarin
  • Seumst með Silviu Nótt

Clàran le Skárren ekkert

[deasaich | deasaich an tùs]

Clàran le SKE

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Life, Death, Happiness and Stuff (2002)
  • Feelings are great (2004)

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Alþingi
  2. Celebs Trends Now
  3. Menntaskólinn í Reykjavík
  4. Gummisteingrims
  5. VB
  6. RÚV
  7. Fréttablaðið
  8. Parlèment du Canada
  9. Bókmenntaborgin

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]