Steingrímur Hermannsson
B' e innleadair agus neach-poileataigs, riochdaire dioplòmasach à Innis Tìle a bh' ann an Steingrímur Hermannsson (IPA: ˈsteinkrimur ˈhɛrmanˌsɔn).[1] Rugadh e air 22 an t-Ògmhios 1928 ann an Reykjavík.[2] Bha athair, Hermann Jónasson, na fhorsætisráðherra nuair a bha Hermannsson òg. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík, Institiùd Teicneòlais Illinois ann an Chicago agus Institiùd Teicneòlais California ann am Pasadena.[3] Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1971. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) dà thuras: eadar 1983 agus 1987 agus an uair sin bho 1988 gu ruige 1991 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), ann an sreath cho-bhannan le Sjálfstæðisflokkurinn. Aig ìre eadar-nàiseanta, b' e an rud as motha a rinn e mar phrìomhaire na thachair ann an 1986, nuair a bha e na aoigh aig àrd-choinneamh Reykjavik eadar prìomh neach an Aonadh Sobhiatach Mikhail Gorbachev agus Ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte Ronald Reagan. Ged nach robh e air a mheas mar shoirbheachadh aig an àm sin, chruthaich choinneamh sin an t-slighe air adhart airson deireadh a' Chogaidh Fhuair, agus fhuair na rinn riaghaltas Innis Tìle deagh mholaidhean air feadh an t-sabhail.[4] Phòs Hermannsson dà thuras: aig Sara Jane Donovan (1951) agus Guðlaug Edda Guðmundsdóttir (1962). Chuir Hermannsson bliadhnichean seachad os cionn Seðlabanki Íslands (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innis Tìle). Chaochail e ann an Garðabær air 21 an Gearran 2010. Bha a mhac, Guðmundur Steingrímsson, san Alþingi eadar 2013 agus 2016 fo sgàil Framsóknarflokkurinn agus, mu dheireadh thall, Björt framtíð.[5]
Caibineitean Hermannsson
[deasaich | deasaich an tùs]Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Hermannsson os cionn an riaghaltais.[6] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
- Steingrímur Hermannsson: Prìomhaire
- Geir Hallgrímsson: (gu ruige 24.01.1986) Dùthchannan Cèin
- Albert Guðmundsson: (gu ruige 16.10.1985) Ionmhais agus (bho 16.10.1985 til 24.03.1987) Gnìomhachas
- Alexander Stefánsson: Cùisean Sòisealta
- Halldór Ásgrímsson: Iasgach
- Jón Helgason: Àiteachas, Ceartas agus Cùisean Eaglaiseil
- Matthías Bjarnason: (gu ruige 16.10.1985) Slàinte is Tèarainteachd Shòisealta, Còmhdhail agus (bho 16.10.1985) Malairt
- Matthías Á. Mathiesen: (gu ruige 16.10.1985) Malairt, Ministear na Staitistig agus (bho 24.01.1986) Rùnaire na Stàite
- Ragnhildur Helgadóttir: (gu ruige 16.10.1985) Foghlam agus (bho 16.10.1985) Slàinte agus Tèarainteachd Shòisealta
- Sverrir Hermannsson: (gu ruige 16.10.1985) Gnìomhachas agus (bho 16.10.1985) Foghlam
- Þorsteinn Pálsson: (bho 16.10.1985 gu ruige 24.03.1987) Ionmhais agus Ministear na Staitistig (bho 24.03.1987) Gnìomhachas
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ro-theachdair: Gunnar Thoroddsen (1983) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Þorsteinn Pálsson (1987) |
Ro-theachdair: Þorsteinn Pálsson (1988) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Davíð Oddsson (1991) |