Jump to content

Davíð Oddsson

O Uicipeid
Davíð Oddsson
Ball an Alþingi


10. Pròbhaist Reykjavík

27 dhen Chèitean 1982 - 16 dhen Iuchar 1991
Egill Skúli Ingibergsson (en) Translate - Markús Örn Antonsson (en) Translate
21. Prìomh-mhinistear Innise Tìle

30 dhen Ghiblean 1991 - 15 dhen t-Sultain 2004
Steingrímur Hermannsson - Halldór Ásgrímsson
Ministear Staitistig

1 dhen Dàmhair 1994 - 27 dhen t-Sultain 2005
Edvard Júlíus Sólnes (en) Translate - Halldór Ásgrímsson
Ministear nan Dùthchannan Cèin

15 dhen t-Sultain 2004 - 27 dhen t-Sultain 2005
Halldór Ásgrímsson - Geir Hilmar Haarde
Beatha
Breith Reykjavík, 17 dhen Fhaoilleach 1948
Dùthaich  Innis Tìle
Teaghlach
Clann
Foghlam
Foghlam Oilthigh Innis Tìle
Cànain Innis Tìlis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, dioplomat, sgrìobhadair, neach-lagha, neach-naidheachd, bancair agus bàrd
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Sjálfstæðisflokkurinn
IMDb nm1551056

'S e bancair, neach-aithris, riochdaire dioplòmasach, neach-lagha, neach-poileataigs agus sgrìobhadair à Innis Tìle a th' ann an Davíð Oddsson (IPA: ˈtaːvið ˈɔtːsɔn).[1] Rugadh e air 17 am Faoilleach 1948 ann an Reykjavík. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1991. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1991 gu ruige 2004 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd), ann an sreath cho-bhannan le Alþýðuflokkurinn agus Framsóknarflokkurinn a mhair 13 bliadhna, an teirm na b'fhaide a fhuair prìomh-mhinistear Innise Tìle a-riamh. A bharrachd air sin, tha e air a bhith na mhinistear an nan Dùthchannan Cèin (2004 - 2005) agus bha e os cionn Seðlabanki Íslands (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innise Tìle) bho 2005 gu ruige 2007.[2] Phòs e aig Ástríður Thorarensen ann an 1970 agus tha mac aca còmhla.[3] Chaidh Oddsson ainmeachadh deasaiche a' phàipear-naidheachd Morgunblaðið ann an 2009. Chaidh an cèol air feadh na fìdhle agus chaill Morgunblaðið mòran luchd-leughaidh air sgàth 's gu robh iomadh daoine dhen bheachd gum foillsicheadh e beachdan nan daoine beartach agus nan companaidhean mòra. Tha e air trì dealbhan-cluiche a sgrìobhadh airson an telebhisein agus dà obair eile airson Companaidh Taigh-cluiche Reykjavík agus an Taigh-cluiche Nàiseanta agus tha e air grunn phrògraman rèidio a stiùireadh airson RÚV. Cuideachd sgrìobh e aiste mun Phrìomhaire Geir Hallgrímsson ann an Andvara ann an 1994. Dh' fhoillsich e cruinneachadh sgeulachdan ann an 1997 air an robh Nokkrir góðir dagar án Guðnýjar[4] agus cruinneachadh eile ann an 2002 air an robh Stolið frá höfundi stafrófsins.

Caibineitean Oddsson

[deasaich | deasaich an tùs]

Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Oddsson os cionn an riaghaltais.[5] Bhuinneadh ias uile gu Alþýðuflokkurinn, Framsóknarflokkurinn air neo Sjálfstæðisflokkurinn:

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Alþingi
  2. DV
  3. NNDB
  4. Forlagið
  5. stjornarraðið

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
Ro-theachdair:
Steingrímur Hermannsson
(1991)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Halldór Ásgrímsson
(2004)