Jóhanna Sigurðardóttir

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Jóhanna Sigurðardóttir
Johanna sigurdardottir official portrait.jpg
ball an Alþingi


Minister of Social Affairs

10 dhen Dàmhair 1987 - 24 dhen Ògmhios 1994
Alexander Stefánsson - Guðmundur Árni Stefánsson
Member of the 2007-2009 Parliament of Iceland

12 dhen Chèitean 2007 - 25 dhen Ghiblean 2009
Sgìre: Reykjavík North
Taghadh: 2007 Icelandic parliamentary election
Minister of Social Affairs

24 dhen Chèitean 2007 - 31 dhen Dùbhlachd 2007
Magnús Stefánsson - no value →
Minister of Welfare

1 dhen Fhaoilleach 2008 - 1 dhen Ghearran 2009
← no value - Ásta Ragnheiður Jóhannesdóttir
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

1 dhen Ghearran 2009 - 23 dhen Chèitean 2013
Geir Haarde - Sigmundur Davíð Gunnlaugsson
Member of the 2009-2013 Parliament of Iceland

25 dhen Ghiblean 2009 - 27 dhen Ghiblean 2013
Sgìre: Reykjavík North
Taghadh: 2009 Icelandic parliamentary election
Beatha
Breith Reykjavík, 4 dhen Dàmhair 1942
Dùthaich  Innis Tìle
Teaghlach
Cèile Jónína Leósdóttir
Foghlam
Foghlam Commercial College of Iceland
Cànain Innis Tìlis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus flight attendant
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Samfylkingin
Alþýðuflokkurinn
National Awakening
www.althingi.is/johanna/

'S e neach-iomairt nan aonaidhean-ciùird agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann an Jóhanna Sigurðardóttir (IPA: ˈjouːhana ˈsɪːɣʏrðarˌtouʰtɪr̥).[1] Rugadh i air 4 an Dàmhair 1942 ann an Reykjavík. Fhuair i a cuid foghlaim aig Colaiste Malairt Innise Tìle (Innis-Tìlis: Verslunarskóli Íslands) agus chuir i seachd bliadhnaichean ag obair ann an Icelandic Airlines, far an robh i na tè-frithealaidh air bhòrd nan plèanaichean. B' ann os cionn aonaidhean-ciùird 's a bha i cuideachd.[2] Bha i na cathraiche Flugfreyjufélag Íslands (Gàidhlig: Aonadh Luchd-frithealaidh Itealain Innse Tìle) bho 1966 gu ruige 1969 agus bha i cuideachd os cionn Verslunarmannafélag (Gàidhlig: Aonadh Luchd-obrach Malairt) eadar 1976 agus 1978. Aig an toiseach toisichidh bhuinneadh i gu Alþýðuflokkurinn ach sgarr iad ann an 1994 agus ghabh i ri Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins.[3] Thàinig Alþýðuflokkurinn agus Þjóðvaki – Hreyfing Fólksins ri chèile a-rithist ann an Samfylkingin (Gàidhlig: Caidreachasann an 2000. Bha Sigurðardóttir na ministear nan sochairean sòisealta dà thuras: eadar 1987 agus 1994 fo Þorsteinn Pálsson, Steingrímur Hermannsson agus Davíð Oddsson agus an uair sin eadar 2009 agus 2013 fo Geir Haarde.[4] Bha ise na ball-pàrlamaid bho 1978 gu ruige 2013 agus na forsætis­ráð­herra (Gaidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 2009 gu ruige 2013. 'S i a' chiad tè ann an eachdraidh na dùthcha agus a' chiad neach LCDT a bhios na Forsætisráðherra a-riamh. Eadar 1963 agus 1971 b' e ball-pàrlamaid a bh' ann a h-athair, Sigurður Egill Ingimundarson, airson Alþýðuflokkurinn cuideachd.[5] Phòs Sigurðardóttir aig Þorvaldur Steinar Jóhannesson ann an 1970 agus fhuair iad dithis duine-cloinne ri chèile. Dhealaich iad ann an 1987 agus phòs i aig tè air a bheil Jónína Leósdóttir a tha na sgrìobhadair, ann an 2010.[6]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alþingi
  2. Vinnuvikunnar
  3. Háskóli Íslands
  4. E24
  5. MLB
  6. El País

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]