Gunnar Thoroddsen
Gunnar Thoroddsen | |||||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
10 dhen Ghearran 1947 - 19 dhen t-Samhain 1959
20 dhen t-Samhain 1959 - 8 dhen Chèitean 1965 ← Guðmundur Ívarsson Guðmundsson (en) - Magnús Jónsson (en) →
29 dhen Dàmhair 1974 - 9 dhen Dàmhair 1978 ← Magnús Torfi Ólafsson (en) - Magnús Helgi Magnússon (en) →
29 dhen Dàmhair 1974 - 9 dhen Dàmhair 1978 ← Magnús Kjartansson (en) - Hjörleifur Guttormsson (en) →
8 dhen Ghearran 1980 - 26 dhen Chèitean 1983 ← Benedikt Sigurðsson Gröndal - Steingrímur Hermannsson → | |||||||||||||
Beatha | |||||||||||||
Breith | Reykjavík, 29 dhen Dùbhlachd 1910 | ||||||||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||||||||
Bàs | Reykjavík, 25 dhen t-Sultain 1983 | ||||||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (bànachadh-fala) | ||||||||||||
Foghlam | |||||||||||||
Foghlam | Oilthigh Innis Tìle | ||||||||||||
Dreuchd | |||||||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, dioplomat, neach-teagaisg oilthigh agus neach-lagha | ||||||||||||
Fastaichean | Oilthigh Innis Tìle | ||||||||||||
Creideamh | |||||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Sjálfstæðisflokkurinn |
B' e neach-lagha, riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Gunnar Thoroddsen (IPA: ˈɡʏnːar ˈtʰoːurɔtˌsɛn).[1] Rugadh e air 29 an Dùbhlachd 1910 ann an Reykjavík. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Innis Tìle. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1934 nuair a bha e dìreach 23 bliadhna a dh'aois, am fear na b'òige a chaidh a thaghadh dhan Alþingi a-riamh. Fhuair e trì ministrealachd (maoineachas, socharan sòisealta agus malairt) mus robh e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) bho 1980 gu ruige 1983 às leth Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd).[2] Phòs e aig Vala Ásgeirsdóttir - nighean Ásgeir Ásgeirsson - ann an 1941 agus fhuair iad ceathrar chloinne còmhla.[3] Bha e cuideachd na thosgair thall san Danmhairg, bho 1965 gu ruige 1969. Sheas e airson ceann-suidhe na dùthcha ann an 1968 ach cha deach a thaghadh, leis nach d' fhuair e ach 35,428 bhòtaichean (34.4%).[4] Chaochail Thoroddsen ann an Reykjavík air 25 an t-Sultain 1983.
Caibineit Thoroddsen
[deasaich | deasaich an tùs]Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Thoroddsen os cionn an riaghaltais.[5] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
- Gunnar Thoroddsen: Prìomhaire agus Ministear Staitistig
- Ólafur Jóhannesson: Rùnaire na Stàite
- Friðjón Þórðarson: Ceartas agus Cùisean Eaglaiseil
- Hjörleifur Guttormsson: Gnìomhachas
- Ingvar Gíslason: Foghlam
- Pálmi Jónsson: Àiteachas
- Ragnar Arnalds: Ionmhais
- Steingrímur Hermannsson: Iasgach agus Còmhdhail
- Svavar Gestsson: Cùisean Sòisealta, Slàinte agus Tèarainteachd Shòisealta
- Tómas Árnason: Malairt
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Alþingi
- ↑ Stjórnarraðið
- ↑ Morgunblaðið
- ↑ Dieter Nohlen & Philip Stöver (2010) Elections in Europe: A data handbook, p962 ISBN 9783832956097
- ↑ Stjórnarraðið
Ro-theachdair: Benedikt Sigurðsson Gröndal (1980) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Steingrímur Hermannsson (1983) |