Benedikt Sigurðsson Gröndal
| Benedikt Sigurðsson Gröndal | |||||||||||||
|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
10 dhen Dàmhair 1978 - 9 dhen Dàmhair 1979 ← Einar Ágústsson (en)
15 dhen Dàmhair 1979 - 8 dhen Ghearran 1980 ← Ólafur Jóhannesson - Gunnar Thoroddsen →
2 dhen Ghiblean 1983 - 13 dhen Ghearran 1988 | |||||||||||||
| Beatha | |||||||||||||
| Breith |
Ísafjarðarbær (en) | ||||||||||||
| Dùthaich |
| ||||||||||||
| Bàs | Reykjavík, 20 dhen Iuchar 2010 | ||||||||||||
| Foghlam | |||||||||||||
| Foghlam |
Oilthigh Harvard Oilthigh Oxford Colaiste Harvard | ||||||||||||
| Cànain | Innis Tìlis | ||||||||||||
| Dreuchd | |||||||||||||
| Dreuchd | dioplomat agus neach-poileataigs | ||||||||||||
| Creideamh | |||||||||||||
| Pàrtaidh poileataigeach | Alþýðuflokkurinn | ||||||||||||
B' e bancair, innleadair, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Innis Tìle a bh' ann am Benedikt Sigurðsson Gröndal.[1] Rugadh e air 7 an t-Iuchar 1924 ann an Önundarfjörður (Vestfirðir). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík, Oilthigh Harvard agus Oilthigh Oxford. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1956 agus bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) fad còrra mìos, bho 1979 gu ruige 1980 às leth Alþýðuflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Deamocratach Sòisealta). Phòs e aig Heidi Jaeger ann an 1947 agus fhuair iad triùir chloinne còmhla.[2] Chuir e seachad bliadhnaichean na thosgair thall ann an Suòmaidh agus An t-Suain.[3] Chaochail Gröndal ann an Reykjavík air 20 an t-Iuchar 2010.[4]
Caibineit Ghröndal
[deasaich | deasaich an tùs]Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Gröndal os cionn an riaghaltais.[5] Bhuinneadh iad uile gu Alþýðuflokkurinn:
- Benedikt Gröndal: Prìomhaire agus Dùchannan Cèin
- Bragi Sigurjónsson: Àiteachas agus Gnìomhachas
- Kjartan Jóhannsson: Iasgach agus Ionmhais
- Magnús H. Magnússon: Cùisean Sòisealta, slàinte is àrachas agus Còmhdhail
- Sighvatur Björgvinsson: Ionmhais agus Ministear Staitistig
- Vilmundur Gylfason: Foghlam agus Ceartas is Cùisean Eaglaiseil
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]| Ro-theachdair: Ólafur Jóhannesson (1979) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Gunnar Thoroddsen (1980) |