Bjarni Benediktsson

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Bjarni Benediktsson
Bjarni Benediktsson vid Nordiska Radets session i Stockholm.jpg
Ball Pàrlamaid Innise Tìle 2017


Sgìre: Iar-dheas
Ball Pàrlamaid Innise Tìle 2007 - 2009

12 dhen Chèitean 2007 - 25 dhen Ghiblean 2009
Sgìre: Iar-dheas
Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2007
Ball Pàrlamaid Innise Tìle 2009 - 2013

25 dhen Ghiblean 2009 - 27 dhen Ghiblean 2013
Sgìre: Iar-dheas
Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2009
Ball Pàrlamaid Innise Tìle 2013 - 2016

27 dhen Ghiblean 2013 - 29 dhen Dàmhair 2016
Sgìre: Iar-dheas
Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2013
Ministear an Ionmhais

23 dhen Chèitean 2013 - 11 dhen Fhaoilleach 2017
Katrín Júlíusdóttir Translate - Bjarni Benediktsson
Ball Pàrlamaid Innise Tìle 2016 - 2017

29 dhen Dàmhair 2016 -
Sgìre: Iar-dheas
Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2016
27. Prìomh-mhinistear Innise Tìle

11 dhen Fhaoilleach 2017 - 30 dhen t-Samhain 2017
Sigurður Ingi Jóhannsson - Katrín Jakobsdóttir
Ministear an Ionmhais

30 dhen t-Samhain 2017 -
Benedikt Jóhannesson Translate
Beatha
Breith Reykjavík, 26 dhen Fhaoilleach 1970
Dùthaich  Innis Tìle
Foghlam
Foghlam Oilthigh Innis Tìle
Oilthigh Miami
Cànain Innis Tìlis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus neach-lagha
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Sjálfstæðisflokkurinn

'S e neach-malairt agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann am Bjarni Benediktsson.[1] Rugadh e air 26 am Faoilleach 1970 ann an Reykjavík ach tha e a' fuireach a-nis ann an Garðabær.[2] Bha bràthair-seanar Bhenediktsson, air an robh Bjarni Benediktsson (1908 - 1970) cuideachd na neach-poileataigs.[3] Tha Benediktsson na bhall Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd), a' chiad fhòrsa poileataigeach as motha san Alþingi, agus a tha san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Vinstrihreyfingin - grænt framboð agus Framsóknarflokkurinn. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 2003. Bha Benediktsson na fhorsætis­ráð­herra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) eadar Am Faoilleach 2017 agus An t-Samhain 2017. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Innis Tìle (Innis-Tìlis: Háskóli Íslands). Tha Benediktsson pòsta aig Þóra Margrét Baldvinsdóttir agus tha ceathrar chloinne aca còmhla.

Bha Benediktsson na chathraiche air dà chompanaidh - N1 agus BNT - anns na bliadhnaichean 2005 - 2008 ac leig e dheth na dreuchdan cathraiche seo a bh'aige às deidh tuiteam a' bhanca ann an Innis Tìle as t-fhoghar 2008 oir bha e a' faireachdainn gu robh cruaidh fheum aige air sgarradh a dhèanamh eadar na bha e an sàs ann am malairt agus poileataigs. Às deidh an tuiteam sin, a thug staing gu math doirbh air eaconomaidh Innise Tìle, rinn a' Chomataidh Sgrùdaidh sgrùdadh air cia mheud BP a fhuair iasad de chòrr air ceud millean krónur bho 2005 gu ruige tuiteam nam bancaichean san Dàmhair 2008. Thàinig gu bàrr gu robh fiachan de 174 millean aig Benediktsson. Stèidhich Benediktsson a' chompanaidh far-oirthir Falson & co anns Na h-Eileanan Sheiseall ann an 2006. Bha a' chompanaidh sin a' riaghladh na bha Benediktsson a' cur ri pròiseactan thogalaichean ann an Dubai.[4] Air sgàth sin, San t-Sultain 2017 thuirt Björt framtíð gum fàgadh iad an co-bhanntachd anns an robh iad le Sjálfstæðisflokkurinn agus Viðreisn. Mar thoradh air an sin, bhris caibineat Bhjarni Bhenediktsson agus chaidh taghadh tràth a dhèanamh.

Ann an 2015, nochd aoidion dàta gu robh Benediktsson air a bhith na neach-cleachdaidh clàraichte air an làrach-lìn Ashley Madison, a tha na làrach-lìn airson daoine pòsta no daoine ann an dàimhean a tha a' gabhail ri adhaltrachd. Chaidh Benediktsson a chlàradh an sin fon ainm-cleachdaidh "IceHot1".[5] Thuirt Benediktsson agus Baldvinsdóttir gu bheil iad air an clàradh còmhla air an lìon dìreach airson spòrs.

Cabineit Bhenediktsson[deasaich | deasaich an tùs]

Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Benediktsson os cionn an riaghaltais.[6] Bhuinneadh iad uile gu Björt framtíð, Sjálfstæðisflokkurinn, agus Viðreisn:

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alþingi
  2. DV
  3. Borgarskjalasafn
  4. Offshore Leaks
  5. Visir
  6. Stjórnarraðið

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Ro-Theachdair:
Sigurður Ingi Jóhannsson
(2017)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Katrín Jakobsdóttir
(2017)