Óttarr Proppé

O Uicipeid
Óttarr Proppé
Ball an Alþingi


Ball Pàrlamaid Innise Tìle 2013 - 2016

27 dhen Ghiblean 2013 - 29 dhen Dàmhair 2016
Sgìre: Reykjavík a Deas
Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2013
Ball Pàrlamaid Innise Tìle 2016 - 2017

29 dhen Dàmhair 2016 -
Sgìre: Iar-dheas
Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2016
Ministear na Slàinte

11 dhen Fhaoilleach 2017 - 30 dhen t-Samhain 2017
Kristján Þór Júlíusson (en) Translate - Svandís Svavarsdóttir
Beatha
Breith Reykjavík, 7 dhen t-Samhain 1968
Dùthaich  Innis Tìle
Foghlam
Cànain Innis Tìlis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, neach-ciùil, actair agus seinneadair
Ballrachd HAM (en) Translate
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Besti flokkurinn
IMDb nm0698705

'S e actair, ceòladair, seinneadair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann an Óttarr Proppé.[1] Rugadh e air 7 an t-Samhain 1968 ann an Reykjavík. Bha athair, Ólafur J. Proppé, na Cheannard air Oilthigh Innis Tìle[2] agus tha e anns na oghaichean le Kolbein Proppé, a tha na bhall-phàrlamaid airson Vinstrihreyfingin - grænt framboð. A bharrchd air sin bha a sheanair anns an Alþingi bho 1919 gu ruige 1923.[3] Fhuair Proppé a cuid foghlaim aig Pennridge High School thall sna Stàitean. Tha e pòsta e aig Svanborg Þórdís Sigurðardóttir.[4] Anns na 80an agus na 90an chluicheadh e ann an sreath chòmhlain-ciùil HAM, Dr. Spock agus Rass na measg. Aig Farpais Òrain Eurovision ann an 2014 chluich Óttarr leis a' chòmhlan Pollapönk.[5] Bha e na bhall Besti flokkurinn agus stèidhich e Björt framtíð, a bha san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Sjálfstæðisflokkurinn agus Framsóknarflokkurinn ann an 2017.[6] Bha Proppé na mhinistear na slàinte fo Bhjarni Benediktsson. Dh'fhàg Proppé agus am pàrtaidh aige an riaghaltas air sàilleabh cho coirbte 's a bha am prìomhaire.

Filmichean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Sódóma Reykjavík (1992)[7]
  • Englar alheimsins (2000)
  • Óskabörn þjóðarinnar (2000)
  • Nói Albínói (2003)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alþingi
  2. Researchgate
  3. Frón
  4. Thingeyri
  5. Eurovision
  6. RÚV
  7. IMDB

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]