Ingibjörg Sólrún Gísladóttir
Ingibjörg Sólrún Gísladóttir | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
13 dhen Ògmhios 1994 - 1 dhen Ghearran 2003
12 dhen Chèitean 2007 - 25 dhen Ghiblean 2009 Sgìre: Reykjavík a Deas Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2007
24 dhen Chèitean 2007 - 1 dhen Ghearran 2009 ← Valgerður Sverrisdóttir (en) - Össur Skarphéðinsson (en) → | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Reykjavík, 31 dhen Dùbhlachd 1954 | ||||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||||
Foghlam | |||||||||
Foghlam |
Oilthigh Innis Tìle Oilthigh Copenhagen | ||||||||
Cànain |
Innis Tìlis Beurla Fraingis Danmhairgis | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | dioplomat agus neach-poileataigs | ||||||||
Creideamh | |||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Samfylkingin |
'S e neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Innis Tìle a th' ann an Ingibjörg Sólrún Gísladóttir (IPA: ˈiɲcɪpjœrk ˈsoulrun ˈcistlaˌtouʰtɪr̥, Reykjavík, 31 an Dùbhlachd 1954).[1] B' e Gísli Gíslason, neach-gnìomhachais à Reykjavik agus a bhean Ingibjörg J. Níelsdóttir, bean-taighe, a bh' ann a cuid phàrantan. Tha i pòst aig an neach-teagaisg Hjörleifur Sveinbjörnsson agus tha dithis duine-cloinne aca. Fhuair i a cuid fhoghlaim aig Menntaskólinn við Tjörnina, Oilthigh Innis Tìle agus Oilthigh Copenhagen, thall san Danmhairg. Bha i na ball-pàrlamaid san Alþingi airson Kvennalistinn (Gàidhlig: Liosta nam Ban), eadar 1991 agus 1994. B' i a chruthaich am pàrtaidh, a ghabhadh ri Boireann-dhligheachas, ann an 1983.[2] Bha i os cionn Seðlabanka Íslands (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innse Tìle) bho 2002 gu ruige 2005. Tha Gísladóttir a-nis na riochdaire an OSCE airson Eagrachasan Deamocratach agus Còirichean Daonnra.[3] Ghabh i ri Samfylkingin nuair a thàinig kvennalistinn gu crìoch ann an 2000 agus bha i na bhall-pàrlamaid dà thuras eile fo sgàil Samfylkingin.