Biskupstungur
Coltas
| Biskupstungur | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Ceàrn | Bláskógabyggð |
| Sgìre | Suðurland |
| Co-chomharran | 64° 16' 35' Tuath 20° 24' 03' Ear |
| Feartan fiosaigeach | |
| Àireamh-shluaigh | 787 (2019) |
| Àireamh fòn | + 354 |
| Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile beag ann an ceann a deas Innis Tìle a th' ann am Biskupstungur. Tha e suidhichte faisg air Selfoss, dìreach aig ìre na mara, san roinn Suðurland (Roinn a Deas), 90km air falbh bho Reykjavík.[1] Tha 787 duine a’ fuireach sa bhaile.[2] Tha eaconomaidh a' bhaile stèidhichte air àiteachas agus turasachd, ach tha dì-dhaoineachadh na triobaid mhòr. Tha e a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Suðurkjördæmi.[3]
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Ann an 2002 chaidh am baile 's a tha seo a chur ri Laugardalshreppur agus Þingvallahreppur gu Bláskógabyggð a chruthachadh.[4]
Freumh-fhaclachd
[deasaich | deasaich an tùs]Tha an t-ainm a' ciallachadh Teanga an Easbuig sa chànan aca, bho Biskup (Easbaig) agus Tunga (Teanga).
