Kristján Eldjárn
B' e neach-tasgaidh, àrc-eòlaiche, neach-teagaisg agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Kristján Eldjárn (kʰrɪstjaun ˈɛltjaurtn̥).[1] Rugadh e air 6 an Dùbhlachd 1916 ann an Tjörn í Svarfaðardal (Norðurland eystra). Fhuair Eldjárn a chuid foghlaim sgoile aig Menntaskólinn á Akureyri (Norðurland eystra) agus an uair sin thug e ceum ann an àrc-eòlas bho Oilthigh Copenhagen agus Oilthigh Innis Tìle. Phòs e aig Halldóra Ingólfursdóttir ann an 1947 agus fhuair iad ceathrar chloinne còmhla.[2] Bha e os cionn Taigh-tasgaidh Nàiseanta Innise Tìle eadar 1945 agus 1968, nuair a chaidh a thaghadh mar cheann-suidhe na dùthcha. Chaochail Björnsson ann an Cleveland, Ohio air 13 an t-Sultain 1982.[3]
Taghaidh dhan Cheannas
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh a thaghadh dhan cheannas trì tursan. Seo na torridhean a fhuair e:
| Bliadhna | Bhòtaichean | % |
|---|---|---|
| 1968 | 67,544[4] | 65.59% |
| 1972 | Cha do sheas duine sam bi na aghaidh | |
| 1976 | Cha do sheas duine sam bi na aghaidh | |
Prìomh-mhinistearan fo Eldjárn
[deasaich | deasaich an tùs]Bha Eldjárn na cheann-suidhe fad dà bhliadhna deug agus bha seachdnar prìomh-mhinistear, a riochdachadh trì pàrtaidhean fodha fad 's a bha e san dreuchd, mar a leanas:
- Bjarni Benediktsson
- Jóhann Hafstein
- Ólafur Jóhannesson
- Geir Hallgrímsson
- Ólafur Jóhannesson
- Benedikt Sigurðsson Gröndal
- Gunnar Thoroddsen
| Ro-theachdair: Ásgeir Ásgeirsson (1968) |
Forseti Íslands |
Neach-ionlaid: Vigdís Finnbogadóttir (1980) |