Jump to content

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

O Uicipeid
Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach
Beatha
Breith Solas, 8 dhen t-Sultain 1929
Dùthaich  Alba
Bàs 22 dhen Iuchar 1999
Foghlam
Foghlam Àrd-sgoil Phort Rìgh
Oilthigh Dhùn Èideann 1953) Beurla
Oilthigh Dhùn Èideann 1955) eòlas Ceilteach
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd obraiche-raoine agus tasglannaiche
Fastaichean Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
Sgoil Eòlais na h-Alba  (1962 -  1994)

B’ e cruinniche sgeulachdan agus beul-aithris a bha ann an Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (1929-1999), Dòmhnall Eairdsidh Ghearraidh Iain (Beurla: Donald Archie MacDonald).

Rugadh Dòmhnall Eairdsidh air 8 an t-Sultain 1929 ann an sgìre Sholais, Uibhist a Tuath. Bha teaghlach athar air a bhith ann an Uibhist còrr is 200 bliadhna; b’ ann à Gallaibh a bha cuideachd a mhàthar agus dh'fhàs e suas ann an dachaigh dà-chànanach. Coltach ri chomhaoisean b’ fheudar dha an t-eilean fhàgail airson foghlam àrd-ìre fhaighinn, agus chaidh e gu Àrd-sgoil Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach. An dèidh sin chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann far an do cheumnaich e le ceum ann am Beurla ann an 1953 agus ann an Ceiltis ann an 1955. An dèidh dha ùine a chur seachad ag obair aig Register House agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba fhuair e obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba, obair a thug tlachd mhòr dha. Bha ùidh shònraichte aige ann am beul-aithris agus sgeulachdan, agus ann an 1966 chuir e Tasglann nan Sgeul air bhonn, goireas rannsachaidh taobh a-staigh Tasglann Fuaim Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha e fhèin agus Alan Bruford ag obair air an iris Tocher agus bhiodh iad ga dheasachadh eatarra airson iomadach bliadhna.

Bha Dòmhnall Eairdsidh ag obair aig an Sgoil bho 1962 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1994. Bha diofar dhreuchdan aige thar nam bliadhnaichean - bha e na fhear-rannsachaidh, neach-teagaisg, oide agus stiùiriche aig an Sgoil. Eadar na 1950an agus 1990an chruinnich e còrr is 800 teipichean fuaime agus tha an cruinneachadh luachmhor seo aig an Sgoil. Tha e a’ buntainn, mar neach-clàraidh no mar neach-fiosrachaidh, ri 3415 de na clàraidhean a th’ air an Eadar-lìon aig Tobar an Dualchais.

Chaochail Dòmhnall Eairdsidh anns an Eilean Sgitheanach air 22 an t-Iuchar 1999.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]