Àrd-sgoil Phort Rìgh

O Uicipeid
Àrd-sgoil Phort Rìgh

’S e àrd-sgoil ann am baile Phort Rìgh anns an Eilean Sgitheanach a tha ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh. Ann an 2020, bha 490 de sgoilearan ann, agus 80 de thidsearan agus luchd-taice. Tha 15 de bhun-sgoiltean anns an Eilean Sgitheanach agus Ratharsair a’ biathadh a-steach innte. Tha ostail aig a’ sgoil, a tha ’na h-àite-fuirich aig àireamh bheag de sgoilearan aig a bheil an dachaigh ro fhada air falbh airson a bhith a’ siubhal gach latha.

’S e “Earbam” suaitheantas na sgoile.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]